Naidheachdan

Adhartas le Trusadh Thidsearan

Air fhoillseachadh: 15/08/2014

Tha Bòrd na Gàidhlig air leasachadh às ùr a dhèanamh air an iomairt aca gus tuilleadh thidsearan a thrusadh agus iad a’ frithealadh air iarrtas a tha sìor dhol am meud airson tidsearan Gàidhlig.

A’ togail air mar a shoirbhich do na h-iomairtean trusaidh airson tidsearan Gàidhlig  a chùm iad sna trì bliadhna a dh’fhalbh, tha am Bòrd air leasachadh farsaing a dhèanamh air an iomairt aca, Thig Gam Theagasg. Tha iad air dreach ùr, tarraingeach a chur air an làrach-lìn, tha iad air sanasan didseatach ùra a chruthachadh, agus tha stuthan sanasachd ùra eile a’ cur ris an iomairt.

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Iain Caimbeul: “Tha margaidheachd na meadhan air leth feumail dhuinn airson a bhith tàladh thidsearan ùra. Tha sinn air a bhith cur gu cunbhalach ris na goireasan is dòighean trusaidh againn thar nan trì bliadhna a chaidh seachad, agus tha sinn gu math toilichte gum b’ urrainn dhuinn ath-nuadhachadh a thoirt air an iomairt, Thig Gam Theagasg, air fad.

“Feumaidh sinn bun-stèidh nas daingne a thoirt do dh’fhoghlam is ionnsachadh na Gàidhlig le bhith toirt taic do na h-oidhirpean gus luchd-obrach fhastadh aig a bheil misneachd, is trèanadh freagarrach, luchd-obrach a bheir comas dhuinn tuilleadh leudachaidh a thoirt air foghlam na Gàidhlig. Ann an com-pàirt le Riaghaltas na h-Alba, Ùghdarrasan Ionadail agus Ionadan Foghlaim do Thidsearan, tha am Bòrd a’ toirt taic do dh’iomairtean gus leudachadh a dhèanamh air an àireamh chùrsaichean a th’ ann do dhaoine a tha airson a bhith nan tidsear Gàidhlig, no do dhaoine a tha a’ teagasg tron Bheurla mu thràth agus a tha airson gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig.

“Bu toil leinn taing a thoirt do Riaghaltas na h-Alba a-rithist airson an airgid a bharrachd a thug iad dhuinn gus leasachadh às ùr a thoirt air ar n-iomairt, Thig Gam Theagasg.”

A’ cur fàilte air an dreach ùr den iomairt, thuirt am Ministear airson Cànanan na h-Alba, an Dr Alasdair Allan: “Tha sinn air soirbheachadh gu mòr ann a bhith brosnachadh dhaoine òga gu bhith dol gu Foghlam tron Ghàidhlig, agus tha àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig air a dhol an àirde sa h-uile raon-aoise fo 21 airson a’ chiad turas o chionn iomadh ginealach. Gus frithealadh air an iarrtas a th’ ann bho phàrantan, feumaidh sinn deagh thidsearan a tharraing agus a chumail, a bheir leasanan brìoghmhor is brosnachail dha na clasaichean aca. Tha barrachd taice ann a-nis do dhaoine a tha airson trèanadh a dhèanamh gus a bhith nan tidsear Gàidhlig, agus dh’iarrainn air duine sam bith aig a bheil ùidh tadhal air an làrach-lìn, agus chì iad na cothroman a th’ ann an sin.”

DEIREADH

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath-naidheachd seo, cuiribh fios gu Steven MacÌomhair, am Manaidsear Corporra is Conaltraidh aig Bòrd na Gàidhlig, aig steven@gaidhlig.org.uk no air 07595763071.

FIOSRACHADH DON LUCHD-DEASACHAIDH

Tha taghadh farsaing de dh’fhiosrachadh air Teagasg.com do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith toirt a-mach dreuchd mar thidsear Gàidhlig. Tha earrainnean ann airson daoine a tha airson trèanadh a dhèanamh gus a bhith nan tidsear Gàidhlig, agus earrainnean do dhaoine a tha airson gluasad gu Foghlam Gàidhlig.

Tha ceisteachan eadar-ghnìomhach ann le diofar shlighean, a bheir stiùireadh do dhaoine aig a bheil ùidh ann an dreuchd mar thidsear Gàidhlig, le fiosrachadh air cùrsaichean agus na teisteanasan a tha dhìth air tidsear Gàidhlig.

Tha an àireamh de dhaoine a tha trèanadh gu bhith nan tidsear Gàidhlig air a dhol an àirde, gu h-àraidh aig ìre na Bun-sgoile, agus tha oidhirpean gan dèanamh gus tuilleadh thidsearan àrd-sgoile a thàladh agus gus am faicear tuilleadh leasachaidhean a thaobh na h-àireimh de chuspairean a tha gan teagasg tron Ghàidhlig.

Dùin

Stiùireadh