Naidheachdan

Reachdas Foghlam Gàidhlig

Air fhoillseachadh: 23/07/2014

Tha Riaghaltas na h-Alba air co-chomhairleachadh foirmeil fhosgladh mu còirichean phàrantan a thaobh foghlam Gàidhlig.

Thathas a’ sireadh beachdan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an fharsaingeachd agus gu mionaideach air moladh gum bu chòir lagh a stèidheachadh le Pàrlamaid na h-Alba le amas cothroman nas fheàrr a thairgse air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba, agus a leudachadh.

’S e prìomh mholadh Riaghaltas na h-Alba anns a’ phàipear seo gum bu chòir modh-obrach soilleir, follaiseach agus cunbhalach a stèidheachadh far an urrainn do dh’ùghdarrasan ionadail iarrtasan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bho phàrantan a mheasadh. Tha molaidhean ann cuideachd mu bhith a’ foillseachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus stiùireadh a ghabhadh deisealachadh air na cùisean seo.

Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Dùin

Stiùireadh