Naidheachdan

Foghlam Gàidhlig a’ soirbheachadh

Air fhoillseachadh: 23/07/2014

Tha Bòrd na Gàidhlig air an Aithisg Bhliadhnail airson na bliadhna ionmhais 2013/14, fhoillseachadh. A-rithist, ’s e Bòrd na Gàidhlig a’ chiad Bhuidheann Phoblach a tha air a sgrùdadh le Sgrùdadh na h-Alba a tha air crìoch a chur air an Aithisg is Cunntasan Bliadhnail aige, ann an dà chànan.

A thuilleadh air a bhith sealltainn fianais airson bliadhna shoirbheachail agus ghealltanach, tha an aithisg a’ toirt iomradh air mar a tha foghlam na Gàidhlig air a dhol am meud aig ìre ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile. Tha an àireamh de chloinn ann am foghlam tron Ghàidhlig sa bhun-sgoil air a dhol an àirde 6.1% agus tha an àireamh de chloinn a tha a’ tòiseachadh air clas 1 sa bhun-sgoil air a dhol an àirde 13%, le 486 sgoilearan ann. Tha an àireamh sgoilearan ann am foghlam tron Ghàidhlig san àrd-sgoil air a dhol suas 7%, le 1,181 sgoilearan ann. Bha leudachadh ann cuideachd ann an roinn nan tràth-bhliadhnaichean agus an àireamh de bhuidhnean pàrant is pàiste agus cròileagain ag èirigh bho 80 gu 93, agus sin a’ cur ris an àireimh de phàistean a dh’fhaodadh a bhith ann am FtG sna bliadhnaichean a tha romhainn.

A’ bruidhinn air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig Iain Aonghas MacAoidh: “B’ e bliadhna a bh’ ann an 2013/2014 a thug dòchas is misneachd don Bhòrd a-rithist, agus sinn a’ faicinn leudachadh ann am foghlam Gàidhlig aig gach ìre. Bha sinn air ar misneachadh leis an fhianais bhon Chunntas-shluaigh airson 2011 a sheall dhuinn gu bheil àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba air fuireach cha mhòr aig an aon ìre agus a bha i aig àm a’ Chunntais-shluaigh ann an 2001. ’S e as motha a tha air cùl sin mar a tha foghlam Gàidhlig air fàs, agus e air leudachadh gu mòr bho thòisich e ann an 1985. Tha an gluasad a tha sinn a’ faicinn a’ sealltainn gun gabh stad a chur, san ath dheich bliadhna, air a’ chrìonadh a tha sinn air fhaicinn thar ùine fhada.

’S e buidheann beag a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig le uallaichean mòra. Chaidh againn am-bliadhna air dèiligeadh ris na dùbhlain agus gabhail ris na cothroman a bh’ ann ri linn taic is dealas a’ Bhùird agus ar luchd-obrach, agus co-obrachadh is dìcheall nan ceudan de bhuidhnean is daoine a tha ag obair còmhla rinn - eadar a’ Phàrlamaid is an Riaghaltas agus Ùghdarrasan Poblach, buidhnean bhon treas roinn is buidhnean coimeirsealta agus coimhearsnachdan ionadail.”

Thuirt Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, Iain Caimbeul: “Tha mi fìor thoilichte aithris san Aithisg Bhliadhnail seo gu bheil bliadhna air leth shoirbheachail air a bhith aig Bòrd na Gàidhlig agus tuilleadh adhartais air tighinn ann a bhith cur an gnìomh prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.

Bu toigh leam taing a thoirt do Riaghaltas na h-Alba agus dhan a h-uile buidheann eile a tha a’ cumail taic leinn, ann an com-pàirteachas, leis an iomairt chudromaich seo.

Tha am Bòrd a’ cur fàilte air na sgoiltean Gàidhlig ùra a tha air fàire ann am Port Rìgh is sa Ghearasdan.  ’S e naidheachd mhath cuideachd a th’ ann gu bheil àireamh na cloinne ann am Foghlam tron Ghàidhlig a’ sìor dhol am meud. ’S e ceumannan mòra a th’ ann a bhith fosgladh sgoiltean Gàidhlig air feadh Alba gu lèir. Tha na sgoiltean sin a’ cruthachadh bun-stèidh sheasmhach airson ar cànain, oir is e clann òga an latha an-diugh an fheadhainn a chumas a’ Gàidhlig beò is fallain san àm ri teachd.

Tha bliadhna thrang romhainn ach tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig làn misneachd gun tig tuilleadh adhartais ann a bhith cruthachadh suidheachadh seasmhach airson na Gàidhlig ann an Alba.”

Air feadh na bliadhna, dhèilig am Bòrd ri 349 iarrtasan maoineachaidh bho dhiofar bhuidhnean bho air feadh Alba. Ge-tà, chaidh 72% den airgead a fhuair am Bòrd bho Riaghaltas na h-Alba a phàigheadh do dhaoine eile.

Thuirt Ministear airson Cànanan na h-Alba, Dr Alasdair Allan: “Tha pàrantan air feadh na dùthcha air a dhèanamh soilleir gu bheil iad a’ toirt fa-near na buannachdan a th’ ann am foghlam dà-chànanach do an cloinn agus tha an àireamh chloinne a tha clàraichte ann an Sgoiltean Gàidhlig agus aonadan a’ sìor èirigh. ’S e an taic seo bho phàrantan aon de na prìomh adhbharan gun do sheall cunntas-sluaigh 2011 gun robh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig fo aois 20 air a dhol suas anns an deichead mu dheireadh agus gun robh an crìonadh eachdraidheil ann an àireamh an luchd-labhairt air lughdachadh gu mòr.

“Tha na figearan sin a’ sealltainn gu bheil airgead a tha ga chur an seilbh le ceann-uidhe sònraichte chan ann a-mhàin a’ cuideachadh clann a bhith dèanamh nas fheàrr san sgoil, a bhith a’ dèanamh adhartas ann an àrainneachd dhà-chànanach le tuigse nas fheàrr aca air dualchas na Gàidhlig, ach cuideachd gu bheil sinn a’ toirt cùl-taice don Ghàidhlig mar phàirt beothail de dh’iomadh coimhearsnachd ann an Alba.

“Tha co-chomhairle a’ dol againn an-dràsta a’ coimhead air mar a tha Foghlam tron Ghàidhlig air a sholar air feadh Alba agus coimheadaidh e air àiteachan far an robh soirbheachadh agus mar as urrainn dhuinn togail air na chaidh a choileanadh mu thràth. Gabhaidh e ealla ri beachdan phàrantan, thidsearan agus ùghdarrasan ionadail gus an èirich às an sin modhan-obrach a bhios seasmhach anns an ùine fhada agus a bheir dhuinn na cothroman air dà-chànanas a tha teaghlaichean ag iarraidh.”

DEIREADH

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath-naidheachd seo, cuiribh fios gu Steven MacÌomhair, am Manaidsear Corporra is Conaltraidh aig Bòrd na Gàidhlig, aig steven@gaidhlig.org.uk no air 01463 225 454.

FIOSRACHADH DO LUCHD-DEASACHAIDH

Mar bhuidhinn a bhios a’ faighinn airgead poblach, thèid Bòrd na Gàidhlig a sgrùdadh gu cunbhalach air an taobh a-staigh agus bhon taobh a-muigh. Bidh sin a’ cumail suas agus a’ neartachadh riaghladh na buidhne air an taobh a-staigh agus nì e cinnteach gun cùm a’ bhuidhinn oirre a’ cosg nam maoinean aice le buaidh. ’S e Bòrd na Gàidhlig a’ chiad Bhuidheann Phoblach a tha air a sgrùdadh le Sgrùdadh na h-Alba a tha air crìoch a chur air an Aithisg is Cunntasan Bliadhnail aige, ann an dà chànan.

Tha na leanas a’ toirt tuairisgeul goirid air obair Bhòrd na Gàidhlig sa bhliadhna ionmhais 2013/14.

Leasachaidhean Gàidhlig

  • 93 - Buidhnean Thràth-bhliadhnaichean (0-3) a’ coinneachadh gach seachdain
  • 13% - an leudachadh a bh’ ann san àireamh de chloinn a’ tòiseachadh ann am foghlam tron Ghàidhlig
  • 3 - Planaichean Gàidhlig aig Buidhnean Poblach aontaichte (tha 36 uile-gu-lèir aontaichte thuige seo)
  • 29 - oileanaich a fhuair tabhartas foghlaim 
  • 15 - Buidhnean Gàidhlig aig a bheil aonta maoineachaidh leinn (Na Prìomh Bhuidhnean Gàidhlig)
  • 106 - pròiseactan coimhearsnachd a fhuair maoineachadh bho Thaic Freumhan Coimhearsnachd (sgeama taice do choimhearsnachdan)
  • 11 - pròiseactan a fhuair maoineachadh bho Cholmcille (air a cho-ruith le Foras na Gaeilge)
  • 58 - pròiseactan a fhuair maoineachadh bho GLAIF (Maoin Bhuileachaidh Achd na Gàidhlig) a bheir taic do Bhuidhnean Poblach airson nam Planaichean Gàidhlig aca
  • 18 - pròiseactan a fhuair maoineachadh bho dhiofar maoinean Ealain
  • 7 – Pròiseactan rannsachaidh ùra a fhuair maoineachadh
  • 39 - Buidhnean 0-3 a fhuair maoineachadh

Seirbheisean Corporra

  • 5.3% - cuibhreann den bhuidseat againn a chaidh a chaomhnadh tro èifeachdas mu choinneamh targaid an Riaghaltais, 3%
  • 96%  - an uiread de na Prìomh Chomharran Coileanaidh a chaidh a choileanadh
  • 9/16 - an àireamh de na Builean Nàiseanta ris an do chuir sinn bho Fhrèam Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba
Dùin

Stiùireadh