Naidheachdan

Cùrsa Sgrìobhaidh Chruthachail ann an com-pàirteachas le Fèisean nan Gàidheal

Air fhoillseachadh: 14/01/2016

Fosgailte do dhaoine òga fo 25  bliadhna a dh’ aois ann an Alba

A bheil sgrìobhadh cruthachail a còrdadh ribh? A bheil ùidh agaibh ann an Gàidhlig agus a’ chultair? Carson nach clàraich sibh airson cùrsa-còmhnaidh a bhios toirt dhuibh na sgilean a tha dhìth oirbh gus a bhith sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bheir ar luchd-teagaisg dhuibh blasad de bhàrdachd, rosg, sgrìobhadh airson àrd-ùrlar agus iomadh cruth eile.

Tha an cùrsa seo saor an-asgaidh, le àite-furich agus biadh

Airson iarrtas a dhèanamh airson a’ chùrsa, fòn Kelsey Morse Ansbro 01463 741675 no info@moniackmhor.org.uk

Airson blasad de chùrsaichean aig Moniack fhaighinn, thoiribh sùil air http://www.moniackmhor.org.uk/the-course-experience/. Cuimhnichibh gu bheil seo a’ mìneachadh cùrsaichean fosgailte agus nach biodh cuid de na rudan seo ceadaichte air cùrsaichean òigridh, mar eisimpleir, deochan-làidir.

Bheil ceistean agaibh fhathast mu dhèidhinn Moniack Mhor? Clàraich air ar liosta-conaltraidh, no cuir teachdaireachd thugainn.

Tha Alison Lang na sgrìobhadair agus neach-deasachaidh à Dùn Èideann. Tha i air ceithir leabhraichean ficsean fhoillseachadh, agus chaidh a’ chiad fhear dhiubh, “Cainnt na Caileige Caillte” ainmeachadh airson duais ciad leabhar na bliadhna aig Comann Crann na h-Alba. Tha i ag obair mar neach-deasachaidh Gàidhlig aig Sandstone Press agus mar neach-taic litreachais (Gàidhlig) aig Theatar Nàiseanta na h-Alba. Fhuair i duais dràmadair ùr bho Stiùideo Dràmadairean na h-Alba, agus chaidh an dealbh-chluich aice, “Na Bi Tùrsach”, a chur air an àrd-ùrlar mar phàirt den phròiseact “Gairm nan Gaidheal” aig Pròiseact nan Ealan, a’ comharrachadh a’ Chogaidh Mhòir. Sgrìobh i còig de na tionndaidhean Gàidhlig den t-sreath Cèitidh Mòrag, a choisinn duais BAFTA, airson BBC ALBA. www.alisonlang.info

‘S ann a sgìre Nis ann an Eilean Leòdhais a tha an neach-teagaisg Domhnall S Moireach, a tha an-diugh a’ fuireach ann an Sealltainn.  Tha e air iomadach leabhar fhoillseachadh, air duaisean co-luadar Robert Louis Stevenson agus Jessie Kesson a choisinn, agus air burasaraidh siubhal bho Alba Chruthachail air fhaotainn airson sgrudadh a dhèanamh airson leabhar neo-fhicsean mu ghnìomhachas an sgadain – Herring Tales; How The Silver Darlings Shaped Human Taste And History (Bloomsbury). Fhuair seo ath-sgrùdaidhean à fad is farsaing agus fìor sgoinneil ann an iomadach àite, leithid Spectator, Economist, Geographical, agus BBC Countryfile.

B’ e an dràma Gàidhlig Sequamur a chiad dealbh-chluich slàn a sgrìobh e, ’s chaidh sin air thuradh air feadh Alba. Chaidh an dealbh-chluich, a bh’ air riochdachadh le Proiseact nan Ealan, air an àrd-ùrlar o chionn ghoirid ann an Eireann, Lunainn agus ann an taigh-tasgaidh Flanders ann an Ypres ’sa Bheilg.

Anns an t-Samhainn 2015, b’ e aon de na sgrìobhadairean Albanach  – nam measg Uilleam MacIlbhanaidh nach maireann, Seumas Robastan agus Jenny Fagan – a bh’ air an taghadh gus an duthaich a riochdachadh  aig Fèis leabhraichean eadar-nàiseanta anns an Eadailt.

Dùin

Stiùireadh