Naidheachdan

Co-chomhairleachadh: Dreachd den Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig

Air fhoillseachadh: 04/08/2016

Cùl-fhiosrachadh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus a’ leudachadh air na cumhachan Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016. Tha an Stiùireadh seo airson a h-uile neach a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig ann an Alba, agus tha fiosrachadh ann air mar a nithear tagradh airson foghlam tron Ghàidhlig (FtG) agus air na thathar a’ moladh agus na dòighean-obrach as fheàrr airson a bhith lìbhrigeadh gach raon de dh’fhoghlam Gàidhlig. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air foghlam Gàidhlig ann an Alba ann an ro-ràdh na sgrìobhainne fhèin.

An Dreachd den Stiùireadh Reachdail

Tha Bòrd na Gàidhlig air an Dreachd seo den Stiùireadh Reachdail ullachadh le comhairle bhon Bhuidhinn-obrach air an robh Brus Robasdan (Ceannard Eadar-amail, Bòrd na Gàidhlig) na Chathraiche agus air an robh riochdairean bho Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba, COSLA, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Baile Ghlaschu. Chaidh seiseanan co-chomhairleachaidh a chumail sa bhliadhna a dh’fhalbh le pàrantan agus buidhnean a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig airson faighinn a-mach dè na cuspairean as motha ris am feum an Stiùireadh dèiligeadh. Tha liosta gu h-ìosal de chuid de na prìomh chuspairean a chaidh a chomharrachadh sna seiseanan co-chomhairleachaidh:

  • slighe shoilleir gus tagradh a chur a-steach airson FtG
  • na thathar an dùil gun dèan ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile mar phàirt den t-slighe seo
  • trusadh luchd-teagaisg
  • na th’ ann de stuthan is goireasan Gàidhlig a tha rim faotainn
  • FtG san àrd-sgoil
  • feuman taice a bharrachd ann am FtG
  • am maoineachadh a tha ri fhaotainn do dh’ùghdarrasan foghlaim airson FtG
  • taic do theaghlaichean le clann ann am FtG

Às dèidh a’ phròiseis seo, chaidh an Dreachd den Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig ullachadh, agus gabhaidh e a luchdachadh a-nuas an seo.

An Co-chomhairleachadh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cumail co-chomhairleachadh air an Dreachd den Stiùireadh Reachdail an-dràsta, agus chòrdadh e rinn beachdan a chluinntinn air an Stiùireadh bhon àireimh as motha as urrainnear de dhaoine agus raointean. Gus dèanamh cinnteach gun tachair sin, ni sinn sanasachd air a’ cho-chomhairleachadh agus a’ mìneachadh don mhòr-shluagh mar as urrainn dhaibh pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh.

Nuair a bhios an co-chomhairleachadh deiseil, nì Bòrd na Gàidhlig sgrùdadh air na freagairtean agus foillsichidh sinn aithisg. Tha Bòrd na Gàidhlig an dùil an aithisg sin fhoillseachadh ro no air 15mh den Fhaoilleach 2017 aig a’ char as fhaide, agus bheir sinn comhairle do Mhinistearan na h-Alba às dèidh sin.

Thèid an co-chomhairleachadh a chumail eadar 1 Lùnastal 2016 agus 1 Samhain 2016. Faodar freagairtean a chur a-steach ann am post-d no air pàipear. Bu chòir dhuibh freagairtean air pàipear a chur gu: Bòrd na Gàidhlig, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis, IV3 8NW.

Dreachd den Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig

Co-chomhairleachadh (Leth-bhreac cruaidh) / Consultation (Hard copy)

Dùin

Stiùireadh