Naidheachdan

Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard ùr

Air fhoillseachadh: 11/01/2016


Dh’ainmich Ailean Dòmhnallach, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, an-diugh gu bheil am Bòrd a-nis air sanas a chur a-mach a’ sireadh Ceannard ùr.
On Ògmhios an-uiridh, tha sgioba ceannais eadar-amail air a bhith ag obair còmhla ri Buill a’ Bhùird agus an luchd-obrach gus dèanamh cinnteach gun robh a’ bhuidheann a’ leantainn air adhart ag obair gu h-èifeachdach an dèidh dhan Cheannard a bh’ ann roimhe a dhreuchd a leigeil dheth.


Thuirt Ailean Dòmhnallach, “Tha deich bliadhna air a dhol seachad on chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus rinneadh mòran adhartais sna deich bliadhna sin. Tha sinn a-nis a’ sireadh Ceannard ùr a thogas air a’ bhunait sin agus a bhios na stiùiriche brosnachail air a’ bhuidhinn.
“Tha sinn a’ coimhead airson cuideigin a tha misneachail agus dealasach a bheir air adhart prìomhachasan Bhòrd na Gàidhlig agus a dh’obraicheas gu dlùth leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig, gu h-àraidh a thaobh a bhith a’ dealbh a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig ùr agus an Stiùireadh airson Bile an Fhoghlaim (Alba) 2015.
“’S e àm a tha seo airson atharrachaidhean a dhèanamh, a bhith a’ beachdachadh air dè na prìomhachasan a bu chòir a bhith againn, agus a bhith a’ sireadh dhòighean airson obrachadh leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an dòigh nas fheàrr. Ann a bhith a’ gluasad air adhart le seo, ’s e a’ chiad cheum a dh’fheumas sinn a ghabhail a bhith a’ suidheachadh Ceannard ùr. Tha mi a’ coimhead air adhart ris a’ phròiseas agus tha mi a’ cur fàilte air gach iarrtas.”


Tha an Ceannard eadar-amail a bh’ ann, Joe Moore, air tilleadh gu Dualchas Nàdair na h-Alba gus leantainn air san dreuchd a bh’ aige aig a’ bhuidhinn mar Stiùiriche Sheirbheisean Corporra. Sa gheàrr-ùine coileanaidh Brus Robasdan, ball den sgioba cheannais eadar-amail, dreuchd a’ Cheannaird agus an Oifigeir Chunntachail, fhad ’s a bhios am Bòrd an sàs sa phròiseas taghaidh. Bha Mgr Robasdan ron seo na Stiùiriche airson Foghlaim, Cultair agus Spòrs aig Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Siorrachd Obar Dheathain, agus tha dreuchdan comhairleachaidh air a bhith aige do Riaghaltas na h-Alba agus do Chomann Stiùirichean Foghlaim na h-Alba.


Thuirt Ailean Dòmhnallach cuideachd: “Tha sinn air leth taingeil do Joe Moore airson na h-ùine a chuir e seachad aig a’ Bhòrd mar Cheannard agus tha sinn a’ guidhe gach deagh dhùrachd dha is e a’ tilleadh air ais chun na dreuchd aige mar Stiùiriche Sheirbheisean Corporra aig Dualchas Nàdair na h-Alba. Tha sinn cuideachd taingeil do Bhrus Robasdan airson a’ chuideachaidh a tha e a’ toirt dhuinn agus e a’ dèanamh cinnteach gu bheil Bòrd na Gàidhlig ag obair gu h-èifeachdach.”
Tha am pasgan-iarrtais airson dreuchd a’ Cheannaird ri fhaotainn airson a luchdachadh a-nuas bho làrach-lìn a’ Bhùird aig www.gaidhlig.org.uk
 

Dùin

Stiùireadh