Naidheachdan

An t-Alltan 2014

Air fhoillseachadh: 24/08/2014

Bidh An t-Alltan 2014, a bhios Stòrlann a’ cur air adhart, air a chumail ann an Ionad Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir, air 1 agus 2 Dàmhair.

Tha a’ cho-labhairt a’ toirt cothrom do luchd-foghlaim Gàidhlig air sàr leasachadh proifeiseanta.

Bidh  An t-Àrd-oll Urr Norman Drummond agus Aonghas MacIllFhinnein am measg an fheadhainn a bhios a’ bruidhinn aig a’ cho-labhairt, agus bidh bùithtean-obrach ann air ASN, taic, dòighean-teagaisg agus iomadach cupsair eile airson taic a thoirt do luchd-teagaisg a tha ag obair ann am foghlam tron Ghàidhlig.

Pàighidh Stòrlann làn chosgaisean àitean-fuirich dhaibhsan a bhios an làthair.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun cho-labhairt air làrach-lìn Stòrlann.

Dùin

Stiùireadh