Naidheachdan

Adhartas gu ruige Stiùireadh ASN

Air fhoillseachadh: 23/07/2014

Às dèidh dha beachdan fhaighinn bho Bhuidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, bidh Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Fallaineachd, Ailig Neil BPA, a’ coinneachadh ri riochdairean bho Bhòrd na Gàidhlig agus Roinn Slàinte Riaghaltas na h-Alba gus bruidhinn air toraidhean co-obrachaidh a bheir taic do chloinn le feuman taice a bharrachd (FTB) ann am Foghlam tron Ghàidhlig. Choinnich a’ bhuidheann air 25 Ògmhios, agus chuala iad mun adhartas a rinneadh ann a bhith comharrachadh nam feuman sin, ann a bhith cruthachadh ghoireasan agus ann a bhith co-roinn deagh mhodhan-obrach ann an diofar raointean bhon àm a tharraing a’ bhuidheann aire dhaoine chun na cùise seo an toiseach o chionn 18 mìosan.

Bha Bòrd na Gàidhlig air sgrùdadh a bharantachadh le Eòlaiche-inntinn airson Foghlaim, Eàirdsidh MacLulaich, far an deach iarraidh air a h-uile Sgoil is Aonad Gàidhlig agus Leasaiche Cainnt is Cànain (LCC) pàirt a ghabhail. B’ e adhbhar an sgrùdaidh: na bha dhìth a thaobh trèanaidh, na goireasan a th’ ann a-cheana agus na deagh mhodhan-obrach a chomharrachadh gus taic a chumail ri cloinn le FTB ann am Foghlam tron Ghàidhlig. An uair sin, chaidh Stòrlann, a’ bhuidheann a bhios a’ cruthachadh ghoireasan foghlaim Gàidhlig do sgoiltean, a bharantachadh le taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba gus goireasan a chruthachadh a bheireadh taic do thidsearan, leasaichean cainnt is cànain, clann agus pàrantan. Dh’obraich luchd-foghlaim, LCC, Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba ann an co-bhuinn gus na goireasan sin a chruthachadh. Chaidh co-labhairt a chur air dòigh airson aon latha, Diluain 23 Ògmhios, air FTB, a’ gabhail a-steach leasachadh cainnt, cànain is conaltraidh, agus am measg na feadhna a thug òraid seachad bha riochdairean bho Stòrlann, Bòrd na Gàidhlig, Colaiste Rìoghail nan Leasaichean Cainnt is Cànain, sgoilearan agus luchd-dreuchd.

Thuirt Cathraiche Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig, Aonghas Dòmhnallach BPA: “Às dèidh dhuinn taisbeanadh fiosraichte is inntinneach fhaighinn bho Eàirdsidh MacLulaich is Dòmhnall MacGilleMhoire bho Stòrlann, bha sinne mar Bhuidhinn gu mòr air ar misneachadh leis an adhartas a chaidh a dhèanamh bho chuir sinn beachdan gu Rùnairean a’ Chaibineit airson Slàinte is Fallaineachd agus Foghlaim is Ionnsachadh Fad-beatha an toiseach. Bha fios againn gun robh clann ann am Foghlam tron Ghàidhlig le feuman taice a bharrachd, dìreach mar a gheibh thu ann am foghlam tron Bheurla, agus tha sinn an dòchas gun toir e misneachd do phàrantan gu bheilear a-nis a’ coimhead ris a’ chùis seo. Tha seo glè iomchaidh, thoradh gu bheil Riaghaltas na h-Alba gu bhith cumail co-chomhairle air mar a tha còir aig pàrantan air Foghlam tron Ghàidhlig.”

Thuirt an Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, Màiri NicIlleMhaoil: “Tha fhios againn gu bheil beachd gu math soilleir an cois an Stiùiridh air Deagh Mhodhan-obrach aig Colaiste Rìoghail nan Leasaichean Cainnt is Cànain air a’ chùis seo, “gu bheil dà-chànanas na bhuannachd do phàiste no inbheach agus gur ann ainneamh a tha e ag adhbharachadh dhuilgheadasan cànain no gan dèanamh nas miosa.” Faodaidh na h-adhbharan air cùl nam feuman taice a bharrachd seo a bhith gu math eadar-dhealaichte, agus ’s e a tha dhìth oirnn goireasan measaidh is taice iomchaidh stèidhichte air fianais agus a fhreagras air feuman na cloinne a tha ann am foghlam tron Ghàidhlig. Fhuaras molaidhean aig a’ cho-labhairt air 23 Ògmhios, agus mar thoradh orra sin thèid buidheann-obrach le diofar luchd-dreuchd is bhuidhnean a stèidheachadh a bheir stiùir ro-innleachdail is cho-obrachail dhuinn gus frithealadh air feuman na cloinne ann am Foghlam tron Ghàidhlig.

“Gus cuideachadh le sin, feumar obair a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil fios aig gach neach-dreuchd slàinte is foghlaim air na Slatan-tomhais airson Deagh Mhodhan-obrach agus an stiùireadh a th’ ann an-dràsta airson FTB agus gun cuir iad an sàs iad sin chun na h-aon ìre airson gach pàiste, a’ gabhail a-steach clann ann am FtG - agus gus dèanamh cinnteach gu bheil deagh mhodhan-obrach gan cur an sàs air feadh sgoiltean Gàidhlig na h-Alba, a tha sìor fhàs.”
 
Thuirt Jane Reid, Ceannard Nàiseanta airson Cloinne is Òigridh aig Caidreachas an Luchd-dreuchd Slàinte, Riaghaltas na h-Alba, a bha na cathraiche air a’ chiad bhuidheann-obrach:  “Tha sinn air adhartas nach beag a dhèanamh ann a bhith co-obrachadh gus taic a chumail ri leasachadh cainnt, cànain is conaltraidh do chloinn le FTB ann am Foghlam tron Ghàidhlig. Bu thoil leam mo thaing a thoirt don a h-uile duine a bha an sàs sa cho-obrachadh sin agus a tha toirt an làn-thaice don bhuidhinn ro-innleachdail a chuidicheas le bhith daingneachadh nam modhan-obrach seo.”

Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo.

Dùin

Stiùireadh