Maoineachadh

Buidheann Tabhartais Oileanach na h-Alba (SAAS)

Tha Buidheann Tabhartais Oileanach na h-Alba (SAAS) a’ tabhann taic le cìsean cùrsa do dh’oileanaich a tha an sàs ann an cùrsaichean foghlaim aig àrd-ìre ann an Alba.

Pàighidh SAAS cìsean cùrsa agus tha iasadan oileanaich cuideachd rim faotainn bhon bhuidhinn. Tha seo a’ seasamh an dà chuid airson cùrsaichean Fo-cheuma agus Cùrsaichean For-Cheuma (PGDE) ann an teagasg.

Tha cuid a shuidheachaidhean ann far nach fhaod neach taic fhaighinn o SAAS, me, ma tha neach a’ dèanamh cùrsa pàirt-ùine, no mas e ’s gu bheil iad air cuid a chùrsaichean eile a dhèanamh roimhe.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn air làrach-lìn na buidhne.

Tabhartasan Foghlaim do dh’ Oileanaich Teagaisg Gàidhlig 2018-2019.

Tha Bòrd na Gàidhlig air a’ mhaoin seo a stèidheachadh gus taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh a bhith toirt dreuchd a-mach mar neach-teagaisg Gàidhlig. Bu chòir iarrtasan airson taic-airgid a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s a ghabhas, agus ro Dihaoine 14 Sultain 2018.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

Gabhaidh sinn ri iarrtasan bho dhaoine a tha dèanamh cùrsa ann an Ciad-fhoghlam Luchd-teagaisg (ITE) an-dràsta a bheir cothrom dhaibh dreuchd a thoirt a-mach mar neach-teagaisg Gàidhlig.

Gabhaidh sinn beachd air iarrtasan bho:

  • Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-Cheum ann am Foghlam Gàidhlig (BA no MA Foghlam no MA Gàidhlig le Foghlam) – (chan fhaodar barrachd air 2 thabhartas fhaighinn uile-gu-lèir leis gach oileanach fhad ’s a tha iad a’ dèanamh a’ chùrsa Fho-cheum.)

Thathas cuideachd a’ tabhann maoineachadh a bharrachd do dhaoine a tha gluasad bho dhreuchd eile gu dreuchd ann an teagasg.

Feumaidh iarrtasan a bhith aig Bòrd na Gàidhlig ro Dihaoine 14 Sultain 2018.

Gheibhear fiosrachadh do luchd-iarrtais & foirm-iarrtais an seo.

Cuiribh post-d gu: joanne@gaidhlig.scot ma tha ceistean sam bith agaibh.

Dùin

Stiùireadh