Cùrsaichean Bun-sgoile

Kids making rockets

Feumaidh co-dhiù na leanas a bhith agad mus cuir thu a-steach airson PGDE Bun-sgoile:

  • Ceum
  • Beurla aig Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde
  • Matamataig aig an Ìre Choitcheann (Sàr Ìre), Meadhan-ìre 2 no Nàiseanta 5 (no teisteanas co-ionnan ri sin)

Airson teagasg a dhèanamh tron Ghàidhlig, feumaidh tu a bhith fileanta sa chànan agus bhiodh e na bhuannachd teisteanas a bhith agad sa chànan.

Tha prògraman PGDE airson teagasg Bun-sgoile rim faotainn aig:

Le a bhith a’ dèanamh cùrsa teagaisg aig aon de na h-oilthighean gu h-àrd, gheibh thu cothrom a dhol an sàs ann an greisean gnìomhachais ann am foghlam Gàidhlig, agus gheibh thu taic tron Ghàidhlig san Oilthigh.  Ma bheir thu teisteanas teagaisg a-mach aig Oilthigh eile, tha cothrom agad fhathast teagasg a dhèanamh tron Ghàidhlig fhad ’s a thèid agad air dearbhadh gu bheil thu fileanta ann an Gàidhlig.

Dùin

Stiùireadh