Cùrsaichean Àrd-sgoile

Gaelic Teacher

Ma tha ceum agad mar-thà agus ùidh agad a bhith a’ teagasg aig ìre na h-Àrd-sgoile, feumaidh 80 creideas oilthigh (40 dhiubh sin bhon dàrna bliadhna no nas àirde) a bhith agad mar phàirt den chùrsa fo-cheuma agad.  An dèidh dhut ceum a dhèanamh, bu chòir dhut ceum PGDE a dhèanamh sa chuspair a bu mhath leat a theagasg.

Bu chòir teisteanas Beurla aig Àrd-ìre cuideachd a bhith aig daoine a tha a’ sireadh àite air cùrsa teagaisg àrd-sgoile agus tha cuid a dh’Oilthighean a’ sireadh teisteanas Matamataig aig an Ìre Choitcheann (aig sàr-ìre), Meadhan-ìre 2, Nàiseanta 5 (no co-ionann ris a sin).

Tha UHI agus Oilthigh Shrath Chluaidh a’ tabhann cùrsaichean PGDE airson Gàidhlig mar chuspair (a’ gabhail a-steach Gàidhlig agus Gaelic).  Tha cothrom ann PGDE a dhèanamh airson cuspairean a theagasg  tron Ghàidhlig aig na h-Oilthighean seo.  Tha iad seo a’ gabhail a-steach greisean gnìomhachais ann an Àrd-sgoiltean a tha a’ tabhann foghlam tron Ghàidhlig.

Tha cothrom aig oileanaich a nì cùrsaichean PGDE aig Oilthighean eile, an cuspairean aca a theagasg tron Ghàidhlig fhad ’s a tha iad fileanta sa chànan.

Dùin

Stiùireadh