Cùrsaichean Colaiste is Ceuma Gàidhlig

Gus Gàidhlig no Gaelic a theagasg san Àrd-sgoil feumaidh ceum a bhith agad le co-dhiù 80 creideas oilthigh (40 dhiubh sin bhon dàrna bliadhna no nas àirde) a bhith agad ann an Gàidhlig.

Tha na colaistean agus oilthighean a leanas a’ tabhann cothrom cùrsaichean Gàidhlig a dhèanamh gu ìre ceuma:

An dèidh dhut ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig, feumaidh tu cùrsa PGDE a dhèanamh gus an tèid agad air Gàidhlig a theagasg san àrd-sgoil.

Tha feadhainn de na h-oilthighean gu h-àrd a’ tabhann cothrom ceum a dhèanamh le dà chuspair a dh’fhaodadh a bhith feumail do dhaoine a tha airson cuspair a theagasg tron Ghàidhlig no Gàidhlig agus cuspair eile a theagasg tron Ghàidhlig.

Bidh cuid a luchd-teagaisg bun-sgoile a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig mus dèan iad cùrsa PGDE bun-sgoile.

Am measg nan colaistean a tha a’ tabhann teisteanasan eile ann an Gàidhlig, tha:

Tha cothrom ann cùrsaichean air astar a dhèanamh cuideachd.

Tha Cùrsa Inntrigidh ann an Ceiltis aig Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh a bheir cothrom dhut air Foghlam Àrd-ìre, a tha a’ gabhail a-staigh modalan Gàidhlig. Nuair a chuireas oileanaich crìoch air a’ chùrsa, thèid aca air a dhol air adhart gu foghlam àrd-ìre, ann an cùrsaichean leithid Ceiltis no Foghlam Bun-sgoile.

 Airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, tadhail air www.learngaelic.net.

Dùin

Stiùireadh