Cùrsaichean Bun-sgoile

Airson cur a-steach airson Cùrsa Fo-cheuma ann an Teagasg Bun-Sgoile, bu chòir co-dhiù na leanas a bhith agad:

  • Trì cuspairean aig Àrd-ìre nam measg Beurla aig Ìre C no nas àirde (ged tha cuid a dh’Oilthighean a’ sireadh B no nas àirde)
  • Dà chuspair aig Ìre Choitcheann (aig sàr ìre), Meadhan-ìre 2, Nàiseanta 5 (no co-ionann ris a sin).  Feumaidh aonan de na teisteanasan a bhith ann am Matamataig.

Airson teagasg a dhèanamh tron Ghàidhlig, feumaidh tu a bhith fileanta sa chànan agus bhiodh e na bhuannachd teisteanas a bhith agad sa chànan.

Tha na Cùrsaichean Fo-cheuma airson Teagasg Bun-sgoile tron Ghàidhlig rim faotainn aig:

Le a bhith a’ dèanamh cùrsa teagaisg aig aon de na h-oilthighean gu h-àrd, gheibh thu cothrom a dhol an sàs ann an greisean gnìomhachais ann am foghlam Gàidhlig, agus gheibh thu taic tron Ghàidhlig san Oilthigh.  Mas e ’s gun toir thu teisteanas teagaisg a-mach aig Oilthigh eile, tha cothrom agad fhathast teagasg a dhèanamh tron Ghàidhlig fhad ’s a thèid agad air dearbhadh gu bheil thu fileanta ann an Gàidhlig.

Dùin

Stiùireadh