Cùrsaichean Àrd-sgoile

Cùrsaichean Àrd-sgoile

Airson a bhith nad thidsear Àrd-sgoile ann an Alba, feumaidh 80 creideas oilthigh (40 dhiubh sin aig ìre na dàrna bliadhna no nas àirde) a bhith agad sa chuspair a bu mhath leat a bhith a’ teagasg.

Bu chòir teisteanas Beurla aig Àrd-ìre cuideachd a bhith aig daoine a tha a’ sireadh àite air cùrsa teagaisg àrd-sgoile agus tha cuid a dh’Oilthighean a’ sireadh teisteanas Matamataig aig an Ìre Choitcheann (aig sàr-ìre), Meadhan-ìre 2, Nàiseanta 5 (no co-ionann ris a sin).

Faodaidh oileanaich a tha airson a bhith nan tidsearan Àrd-sgoile cùrsa fo-cheuma a dhèanamh far am bi iad a’ dèanamh ceum ann am foghlam agus an cuspair aca, no faodaidh iad an cuspair aca a dhèanamh gu ìre ceuma agus an uair sin Dioplòma Proifeasanta For-cheuma ann am Foghlam (PGDE) a dhèanamh às dèidh làimh.

Tha cùrsaichean àrd-sgoile ri fhaotainn aig:

UHI

Oilthigh Srath Chluaidh

Faodaidh oileanaich a tha a’ dèanamh ceum ann am Foghlam agus Ceòl, Eòlas Corparra no Foghlam Teicnigeach an cuspair aca theagasg tron Ghàidhlig an dèidh dhaibh an cùrsa aca a chrìochnachadh mas e ’s gu bheil iad fileanta ann an Gàidhlig.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na cùrsaichean seo aig www.teachinginscotland.com.

Dùin

Stiùireadh