Mapa eadar-ghnìomhach

Tha diofar shlighean ann a bheir thu gu dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig.

Co-dhiù a tha thu a’ tighinn dìreach bhon sgoil no ma tha ceum agad mar-thà, ma tha thu fileanta ann an Gàidhlig no ma tha thu ag iarraidh na sgilean cànain agad a leasachadh, no ma tha teisteanas teagaisg agad mar-thà agus gu bheil thu airson gluasad gu teagasg tron Ghàidhlig, tha taic agus slighe ann dhut.

Lean am mapa eadar-ghnìomhach againn airson faighinn a-mach mu na slighean a bhiodh freagarrach dhutsa airson trèanadh a dhèanamh mar neach-teagaisg.

Sgoinneil, tha thu fileanta ann an Gàidhlig.

Feumaidh tu a bhith fileanta ann an Gàidhlig ma tha thu airson a bhith nad Thidsear Gàidhlig. Tha an comas cudromach sin agad mu thràth. Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh.

An Ath Cheist

Feumaidh tu a bhith fileanta ann an Gàidhlig ma tha thu airson a bhith nad Thidsear Gàidhlig.

Tha e fìor mhath gu bheil ùidh agad ann an Gàidhlig agus gu bheil thu a’ beachdachadh air a bhith nad thidsear Gàidhlig. Tha grunn chùrsaichean ann a chuidicheas tu gus an ìre fileantais a ruighinn a tha dhìth gus teagasg tron Ghàidhlig – le feadhainn dhiubh bidh thu ag ionnsachadh agus a’ dèanamh Gàidhlig agus gheibh thu teisteanas teagaisg aig an aon àm. Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh.

An Ath Cheist

Tha grunn dhòighean ann trom faod thu an ìre fileantais a ruighinn a tha dhìth gus teagasg tron Ghàidhlig, agus chithear iad gu h-ìosal air a’ chlàr-stiùiridh.

Faic an earrainn, A’ Gluasad gu Foghlam Gàidhlig, airson tuilleadh fiosrachaidh mu na cothroman seo.

Bu chòir gum faod thu cur a–steach airson obraichean teagaisg Gàidhlig. Tadhail air an earrainn againn le sanasan airson nan dreuchdan bàna as ùire, agus air Seòmar an Luchd-teagaisg airson tuilleadh fiosrachaidh mu CLPL do Thidsearan Gàidhlig.

Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh.

An Ath Cheist

Bu toil leat teagasg aig ìre bun-sgoile. Tha teisteanas no dhà a tha dhìth ort mus urrainn dhut teagasg sa bhun-sgoil. Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh.

An Ath Cheist

Bu toil leat teagasg aig ìre àrd-sgoile. Tha teisteanas no dhà a tha dhìth ort mus urrainn dhut teagasg san àrd-sgoil. Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh.

An Ath Cheist

Math dha–rìribh. Feumaidh teisteanas ann am Matamataig aig ìre Nàiseanta 5, Ìre Choitcheann (Sàr Ìre) no aig Meadhan-ìre 2 a bhith aig a h–uile tidsear bun-sgoile.

An Ath Cheist

Feumaidh teisteanas ann am Matamataig aig ìre Nàiseanta 5, Ìre Choitcheann (Sàr Ìre) no aig Meadhan–ìre 2 a bhith aig a h–uile tidsear bun–sgoile. Faodaidh tu obrachadh a dh’ionnsaigh sin. Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu bhith dol nad thidsear bun–sgoile Gàidhlig.

An Ath Cheist

Math dha-rìribh. Feumaidh Beurla aig Àrd-ìre a bhith aig a h-uile tidsear (bun-sgoil is àrd-sgoil). Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu bhith dol nad thidsear Gàidhlig.

An Ath Cheist

Feumaidh Beurla aig Àrd–ìre a bhith aig a h–uile tidsear (bun–sgoil is àrd-sgoil). Faodaidh tu obrachadh a dh’ionnsaigh sin. Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu bhith dol nad thidsear Gàidhlig.

An Ath Cheist

Tha coltas ann gur e Ceum MA ann an Gàidhlig is Foghlam an roghainn as fheàrr dhut.

Tha OGE ann an co-bhuinn ri Oilthigh Obar Dheathain a’ tabhann cùrsa far am faod thu Gàidhlig a dhèanamh airson dà bhliadhna agus foghlam airson dà bhliadhna, a bheir dhut Teisteanas Teagaisg Bun-sgoile.

Tha ceum aig Oilthigh Dhùn Èideann far am bi thu ag ionnsachadh agus a’ dèanamh Gàidhlig agus Foghlam Bun–sgoile thairis air 4 bliadhna.

Tadhail air an earrainn againn air Cùrsaichean Bun–sgoile airson tuilleadh fiosrachaidh.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh.

An Ath Cheist

Nuair a nì thu ceum ann am Foghlam, bidh thu a’ faighinn oideachadh mionaideach ann am foghlam fhad ’s a tha thu ag obair a dh’ionnsaigh teisteanas ann an teagasg bun–sgoile.

Ma thèid thu gu Oilthigh Shrath Chluaidh no Obar Dheathain, gheibh thu taic agus greisean gnìomhachais ann am foghlam tron Ghàidhlig.

Tadhail air an earrainn againn air Cùrsaichean Bun-sgoile airson tuilleadh fiosrachaidh.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Ma tha ceum agad ann an Gàidhlig mu thràth, ma tha thu ag obair a dh’ionnsaigh ceuma ann an Gàidhlig no nam bu toil leat fear a dhèanamh, aon uair ’s gu bheil an ceum agad, bu chòir dhut PGDE a dhèanamh ann an Teagasg Bun–sgoile gus a bhith nad Thidsear Bun–sgoile Gàidhlig. Ma nì thu sin aig Oilthigh Shrath Chluaidh, Obar Dheathain no OGE, gheibh thu taic agus greisean gnìomhachais ann am foghlam tron Ghàidhlig.

Ma tha ceum agad ann an cuspair eile, no ma tha thu ag obair a dh’ionnsaigh fear no ma tha thu airson cuspair eile seach Gàidhlig a dhèanamh san Oilthigh, fhad ’s a tha thu fileanta ann an Gàidhlig agus ma chumas tu suas na sgilean cànain agad, faodaidh tu fhathast PGDE a dhèanamh gus a bhith nad Thidsear Bun–sgoile Gàidhlig.

Tadhail air an earrainn againn air Cùrsaichean Bun–sgoile airson tuilleadh fiosrachaidh air cùrsaichean PGDE.

Tadhail air an earrainn againn air Cùrsaichean Gàidhlig airson fios fhaighinn air far am faod thu cùrsaichean Gàidhlig a dhèanamh.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Ma nì thu ceum ann an Gàidhlig, cuidichidh sin thu le bhith ruighinn na h–ìre fileantais a tha dhìth gus teagasg tron Ghàidhlig aig ìre na Bun–sgoile. Ma nì thu ceum ann an cuspair eile, agus gu bheil thu airson a bhith fileanta ann an Gàidhlig, tha grunn chùrsaichean ann a dh’fhaodadh tu a dhèanamh.

Tadhail air an earrainn againn, Cùrsaichean Gàidhlig, airson tuilleadh fiosrachaidh.

Aon uair ’s gu bheil thu air crìoch a chur air a’ cheum agad agus gu bheil fileanta gu leòr gus teagasg tron Ghàidhlig, bu chòir dhut PGDE a dhèanamh ann am Foghlam Bun–sgoile gus a bhith nad thidsear bun–sgoile Gàidhlig.

Tadhail air na cùrsaichean teagaisg againn airson tuilleadh fiosrachaidh.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Nuair a nì thu ceum ann am Foghlam, bidh thu a’ faighinn oideachadh mionaideach ann am foghlam fhad ’s a tha thu ag obair a dh’ionnsaigh teisteanas ann an teagasg bun-sgoile.

Ma thèid thu gu Oilthigh Shrath Chluaidh no Obar Dheathain, gheibh thu taic agus greisean gnìomhachais ann am foghlam tron Ghàidhlig. Ge-tà thathas a’ moladh gum bi thu fileanta mus tèid thu an-sàs ann an cùrsa den leithid. Tha cùrsaichean eile ann far am faigh thu cothrom teisteanas teagaisg a chosnadh agus cothrom Gàidhlig a dhèanamh aig an aon àm.

Tadhail air an earrainn againn air Cùrsaichean Bun-sgoile airson tuilleadh fiosrachaidh.

Dh’fhaodadh tu cuideachd ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig agus aon uair ’s gu bheil thu air crìoch a chur air sin agus gu bheil fileanta gu leòr gus teagasg tron Ghàidhlig, dh’fhaodadh tu PGDE a dhèanamh ann am Foghlam Bun-sgoile. No dh’fhaodadh tu ceum a dhèanamh ann am Foghlam agus aon uair ’s gu bheil thu air làn-chlàradh fhaighinn dh’fhaodadh tu cùrsaichean Gàidhlig a dhèanamh airson Gluasad gu Foghlam Gàidhlig.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Feumaidh Beurla aig Àrd-ìre a bhith aig a h-uile tidsear (bun-sgoil is àrd-sgoil). Faodaidh tu obrachadh a dh’ionnsaigh sin. Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu bhith dol nad thidsear Gàidhlig.

An Ath Cheist

Feumaidh Beurla aig Àrd–ìre a bhith aig a h–uile tidsear (bun–sgoil is àrd–sgoil). Faodaidh tu obrachadh a dh’ionnsaigh sin. Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu bhith dol nad thidsear Gàidhlig.

An Ath Cheist

Bu toil leat Gàidhlig a theagasg mar chuspair. Tha sin sgoinneil. Tha tòrr chothroman ann do Thidsearan Gàidhlig san Àrd-sgoil. Freagair na ceistean a leanas agus gheibh thu a-mach mar a bheir thu dreuchd a–mach.

An Ath Cheist

Gus cuspair sam bith a theagasg aig ìre àrd-sgoile, feumaidh 80 creideas oilthigh a bhith agad sa chuspair sin, mar sin feumaidh tu an cuspair agad a dhèanamh mar phàirt den cheum agad. Gus Gàidhlig a theagasg, feumaidh tu cuideachd a bhith fileanta sa chànan. Tha oifigearan no iomairtean Gàidhlig aig cuid a dh’oilthighean (a’ gabhail a-steach Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann agus OGE) a dh’fhaodadh cothrom a thoirt dhut a dhol an sàs ann an tachartasan sòisealta Gàidhlig fhad ’s a tha thu a’ toirt ceum a-mach. Tha cuid de na h-oilthighean sin cuideachd a’ leigeil leat barrachd is aon chuspair a dhèanamh gu ìre ceuma, agus tha sin a’ ciallachadh gum faod thu an cuspair agad agus Gàidhlig a dhèanamh agus dh’fhaodadh sin a bhith feumail ma tha thu airson teagasg tron Ghàidhlig. Dh’fhaodadh cuideachd gun tèid agad air an dà chuspair a theagasg aig ìre àrd-sgoile.

Nuair a chuireas tu crìoch air a’ cheum agad, bu chòir dhut PGDE a dhèanamh ann an Teagasg Àrd-sgoile, ma nì thu sin aig Oilthigh Shrath Chluaidh no Obar Dheathain, gheibh thu taic agus greisean gnìomhachais ann am foghlam tron Ghàidhlig.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Gus cuspair sam bith a theagasg aig ìre àrd-sgoile, feumaidh 80 creideas oilthigh a bhith agad sa chuspair sin, mar sin feumaidh tu an cuspair agad a dhèanamh mar phàirt den cheum agad. Gus Gàidhlig a theagasg, feumaidh tu cuideachd a bhith fileanta sa chànan. Tha oifigearan no iomairtean Gàidhlig aig cuid a dh’oilthighean (a’ gabhail a-steach Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann agus OGE) a dh’fhaodadh cothrom a thoirt dhut a dhol an sàs ann an tachartasan sòisealta Gàidhlig fhad ’s a tha thu a’ toirt ceum a-mach. Tha cuid de na h-oilthighean sin cuideachd a’ leigeil leat barrachd is aon chuspair a dhèanamh gu ìre ceuma, agus tha sin a’ ciallachadh gum faod thu an cuspair agad agus Gàidhlig a dhèanamh agus dh’fhaodadh sin a bhith feumail ma tha thu airson teagasg tron Ghàidhlig. Dh’fhaodadh cuideachd gun tèid agad air an dà chuspair a theagasg aig ìre àrd-sgoile.

Nuair a chuireas tu crìoch air a’ cheum agad, bu chòir dhut PGDE a dhèanamh ann an Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain no Oilthigh Shrath Chluaidh.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Tha coltas ann gur e Ceum MA ann an Gàidhlig is Foghlam an roghainn as fheàrr dhut.

Tha OGE ann an co–bhuinn ri Oilthigh Obar Dheathain a’ tabhann cùrsa far am faod thu Gàidhlig a dhèanamh airson dà bhliadhna, agus gheibh thu creideasan gu leòr gus Gàidhlig a theagasg mar chuspair san àrd–sgoil, agus far an dèan thu Foghlam airson dà bhliadhna, agus bi Teisteanas Teagaisg Àrd–sgoile agad aig deireadh a’ cheuma.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Freagair an ath cheist agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh.

An Ath Cheist

Le bhith dèanamh ceum ann an Gàidhlig, no ceum le 80 creideas ann an Gàidhlig, cuidichidh sin thu le bhith ruighinn ìre fileantais ann an Gàidhlig aig an aon àm ’s a tha thu a’ faighinn nan teisteanasan a tha dhìth ort gus cur a-steach airson PGDE gus Gàidhlig a theagasg mar chuspair.

Tha Oilthigh Obar Dheathain is Shrath Chluaidh a’ tabhann PGDE ann an Cùrsaichean Teagasg Gàidhlig.

Tadhail air an earrainn againn air Cùrsaichean Àrd–sgoile airson tuilleadh fiosrachaidh.

Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean Gàidhlig san earrainn againn air cùrsaichean Gàidhlig.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Gus cuspair sam bith a theagasg aig ìre àrd-sgoile, feumaidh 80 creideas oilthigh a bhith agad sa chuspair sin, mar sin feumaidh tu an cuspair agad a dhèanamh mar phàirt den cheum agad. Gus Gàidhlig a theagasg, feumaidh tu cuideachd a bhith fileanta sa chànan. Tha oifigearan no iomairtean Gàidhlig aig cuid a dh’oilthighean (a’ gabhail a-steach Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann agus OGE) a dh’fhaodadh cothrom a thoirt dhut a dhol an sàs ann an tachartasan sòisealta Gàidhlig fhad ’s a tha thu a’ toirt ceum a-mach. Tha cuid de na h-oilthighean sin cuideachd a’ leigeil leat barrachd is aon chuspair a dhèanamh gu ìre ceuma, agus tha sin a’ ciallachadh gum faod thu an cuspair agad agus Gàidhlig a dhèanamh agus dh’fhaodadh sin a bhith feumail ma tha thu airson teagasg tron Ghàidhlig. Dh’fhaodadh cuideachd gun tèid agad air an dà chuspair a theagasg aig ìre àrd-sgoile.

Nuair a chuireas tu crìoch air a’ cheum agad, bu chòir dhut PGDE a dhèanamh ann an Teagasg Àrd-sgoile, ma nì thu sin aig Oilthigh Shrath Chluaidh no Obar Dheathain, gheibh thu taic agus greisean gnìomhachais ann am foghlam tron Ghàidhlig.

Cliog an seo airson am Bileag mu Shlighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Tòisich a–rithist
Dùin

Stiùireadh