CLPL Gaidhlig

Pupils making rockets

CLPL Gaidhlig

’S e aon de na buannachdan as motha a gheibhear le dreuchd neach-teagaisg, gu bheil cothrom agad a bhith ag ionnsachadh agus a’ leasachadh nan sgilean agad fad na tìde.  Tha iomadach cùrsa agus cothrom CLPL  ann dhut, nam measg tha:

  • Cùrsaichean agus cothroman ionnsachaidh agus leasachaidh a tha na h-ùghdarrasan ionadail fhèin a’ cur air dòigh
  • Cothroman a bhith ag ionnsachadh bho luchd-teagaisg eile stèidhichte san sgoil agus san sgìre agad fhèin
  • Cothroman ionnsachaidh tro Fhoghlam Alba
  • Teisteanas Teagaisg a Bharrachd (ATQs) - Cothrom do luchd-teagaisg teisteanas teagaisg a chosnadh ann an cuspair àrd-sgoile eile, no cothrom gluasad o fhoghlam bun-sgoile gu foghlam àrd-sgoile no a dhol an rathad eile.

Tha cuideachd cothroman CLPL ann a tha gu h-àraidh ag amas air luchd-teagaisg Gàidhlig:

  • An t-Alltan – co-labhairt bhliadhnail a tha an Stòrlann a’ cur air dòigh do luchd-teagaisg Gàidhlig bhon a h-uile ìre – sgoil-àraich, bun-sgoil, àrd-sgoil - agus do dh’ Oifigearan foghlaim ann an Ùghdarrasan Ionadail far a bheil foghlam tron Ghàidhlig
  • Tha cùrsa sònraichte CPD ann, ‘Streap’, do luchd-teagaisg aig a bheil Gàidhlig agus a tha airson gluasad gu Foghlam Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile no na h-àrd-sgoile. Dh’fhaodadh an cùrsa seo cuideachd a bhith freagarrach do luchd-teagaisg Gàidhlig a tha airson piseach a thoirt air na sgilean cànain aca
  • Co-labhairt airson Cheannardan agus Sgiobaidhean Stiùiridh ann an sgoiltean le Foghlam Gàidhlig. Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cur co-labhairt bhliadhnail air dòigh do Sgiobaidhean Stiùiridh nan sgoiltean le Foghlam Gàidhlig gach bliadhna. Thèid fios a sgaoileadh am measg nan sgoiltean.
  • Duais Ceannais airson Foghlam tron Ghàidhlig - Tha Foghlam Alba air a bhith ag obair còmhla ris an Acadamaidh Iomairt Shòisealta airson duais a dhealbh a tha ag amas a dh’aona ghnothach air tidsearan ann am foghlam tron Ghàidhlig aig a bheil ùidh ann a bhith toirt dreuchd a-mach mar phrìomh thidsear, iar-cheannard agus ceannard ann an sgoil-àraich, bun-sgoil no àrd-sgoil far a bheil solar foghlam Gàidhlig. Air a’ chùrsa gheibhear sealladh air na tha an lùib a bhith nad neach-stiùiridh èifeachdach.

    Bheir an duais taic do thidsearan:

    - Gus a bhith a’ meòrachadh air an dreuchd aca agus gus na prìomh chomasan agus laigsean aca a chomharrachadh.
    - Gus beachd nas fheàrr fhaighinn air mar a stiùireas iad cùisean agus bidh tidsearan air am misneachadh gu bhith comharrachadh atharraichean a tha dhìth.
    - Gus misneachd fhaighinn anns na comasan aca mar neach-stiùiridh.
    - Gus na sgilean is an t-eòlas aca a leasachadh gus am bi iad deiseil airson obair stiùiridh ann am FtG, mar eisimpleir, a’ stiùireadh a’ churraicealaim, fèin-mheasadh, taic dhaibhsan aig a bheil feuman taice a bharrachd, leasachadh agus sgrùdadh proifeasanta.
    - Gus a bhith a’ cleachdadh sgilean agus dòighean eile airson do chuideachadh ann a bhith ag obair ann am com-pàirt le daoine is buidheann eile.
    - Gus cothrom fhaighinn air teisteanas a tha aithnichte gu nàiseanta bhon Institiùd Ceannais agus Stiùiridh (ILM).

    Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh thairis air dà sheisean: 16 & 17 An t-Sultain agus 4 & 5 An Dùbhlachd aig Columba 1400 san Eilean Sgitheanach.

    Airson barrachd fiosrachaidh agus airson iarrtas a chur a-steach, cuir fios gu Kate McArdle air 01463 238 088 no kate@theacademy-ssea.org.

Cliog an seo airson a’ bhileag mu CLPL Gàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Dùin

Stiùireadh