Luchd-teagaisg

Pupil making kite

Tha foghlam Gàidhlig air soirbheachadh gu mòr bho thòisich e sna 1980an, agus tha an àireamh de chloinn a tha gan oideachadh tron chànan air a dhol am meud gach bliadhna bhon uair sin.

Ri linn nan targaidean nàiseanta anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2012-2017, airson tuilleadh leudachaidh a thoirt air foghlam tron Ghàidhlig, tha dùil ri barrachd chothroman-obrach do luchd-teagaisg san àm ri teachd.

An dràsta, tha 59 Bun-sgoil ann, air feadh 14 ùghdarrasan ionadail, a tha tabhann foghlam tron Ghàidhlig ann an Alba. A bharrachd air sin, tha 33 àrd-sgoiltean a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair do dh’fhileantaich, le 15 dhuibh sin a’ tabhann chuspairean eile tron Ghàidhlig agus tha 31 sgoil a’ tabhann Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil.

Cliog an seo airson mapaichean fhaicinn a’ sealltainn far a bheil foghlam Gàidhlig.

Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig.

Dùin

Stiùireadh