Ro-innleachd airson Foghlam Thidsearan Gàidhlig

Mar phàirt de dh’obair làitheil a’ Bhùird, tha Bòrd na Gàidhlig a’ co-ordanachadh Buidheann-stiùiridh na Ro-innleachd Nàiseanta airson Foghlaim Ghàidhlig.  Tron bhuidhinn, tha Bòrd na Gàidhlig ag obair ann am com-pàirt ri Ùghdarrasan Ionadail, Oilthighean agus Buidhnean eile uile a tha an sàs ann a bhith a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh foghlam Gàidhlig, gus ro-innleachd airson foghlaim Ghàidhlig ullachadh. ’S e obair leantainneach a tha seo agus mar phàirt den phròiseas seo, chaidh buidhnean-obrach geàrr-ùine a chur air bhonn gus ro-innleachdan a dhealbh mu raointean sònraichte de dh’fhoghlam Gàidhlig.

Aig deireadh 2013, chuir a’ Bhuidheann-obrach airson Foghlam Thidsearan Gàidhlig an Ro-innleachd airson Foghlam Thidsearan Gàidhlig air beulaibh Buidheann-stiùiridh na Ro-innleachd Nàiseanta airson Foghlaim Ghàidhlig agus chaidh gabhail ris. Ann a bhith dealbh na ro-innleachd, thug a’ Bhuidheann-obrach fa-near do phrìomh phoileasaidhean is molaidhean nàiseanta agus do dh’innleachdan a bh’ ann mu thràth airson a bhith leasachadh foghlam Gàidhlig. Nam measg bha: am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012-2017; Planaichean Gàidhlig; Sgeama nan Tabhartasan Sònraichte airson Gàidhlig; An Ro-innleachd airson 1+2 Chànan, Aithisg Donaldson air Foghlam Thidsearan; ‘Teaching Scotland’s Future’ - Buidheann Chom-pàirteach Nàiseanta: Aithisg do Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim is Ionnsachadh Fad-beatha; an aithisg HMIE air Foghlam Gàidhlig: A’ togail air nithean soirbheachail, a’ dèiligeadh ris na bacaidhean.

Tha an ro-innleachd a’ stèidheachadh grunn amasan gus Foghlam Thidsearan Gàidhlig ann an Alba a lìbhrigeadh agus a leasachadh. Tha e air a roinn na trì earrainnean le prìomhachasan is builean sònraichte airson gach earrainn:

  • Sanasachd agus Trusadh
  • Dreuchd Aonaichte gu Tràth
  • Ionnsachadh Proifeiseanta Fad-beatha Dhreuchdail (IPFD) agus a’ Gleidheadh Thidsearan

Anns gach earrainn, chaidh builean, gnìomhan agus prìomh bhuidhnean a chomharrachadh gus na molaidhean a thoirt gu buil. Bidh a’ Bhuidheann-obrach airson Foghlam Thidsearan Gàidhlig a’ cumail sùil air mar a nithear adhartas a thaobh amasan na ro-innleachd. Bidh an t-Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg aig Bòrd na Gàidhlig a’ co-òrdanachadh mar a thèid an ro-innleachd a chur an gnìomh. Bidh an t-uallach iomlan air Buidheann-stiùiridh na Ro-innleachd Nàiseanta airson Foghlaim Ghàidhlig airson dèanamh cinnteach gun tèid a cur an gnìomh.

Cliog an seo gus an Ro-innleachd airson Foghlam Thidsearan Gàidhlig a luchdachadh a-nuas.

Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun Ro-innleachd Nàiseanta airson Foghlaim Ghàidhlig.

Dùin

Stiùireadh