Òraidiche - Oilthigh Srath Chluaidh - GT168

Oilthigh Srath Chluaidh

Air fhoillseachadh: 16/05/2017
Ceann-là dùnaidh: 31/05/2017

Tha Oilthigh Srath Chluaidh a' sireadh Òraidiche.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Tuarastal: Inbhe 7 £34,956 - £48,327
FTE: 1.0 (Làn Ùine)
Seòrsa Cùmhnaint: Fosgailte
Ceann-latha Thagraidhean: 31/05/17

Is i Sgoil an Fhoghlaim aig Oilthigh Shrath Chluaidh an solaraiche as motha ann an Alba de dh'Fhoghlam Luchdteagaisg. A rèir prìomhachasan Riaghaltas na h-Alba a thaobh planadh an sgioba-obrach, tha targaidean na Sgoile a' riochdachadh mu 40% den targaid fastaidh nàiseanta. Tha eachdraidh fhada aig an Sgoil de dheisealachadh luchd-teagaisg airson obair ann am foghlam meadhain-Ghàidhlig sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil ann an Alba. Le sùil air iomairt Riaghaltas na h-Alba a bhith a' meudachadh foghlam meadhain-Ghàidhlig, tha sinne airson Òraidiche fhastadh gus ar solarachadh a leasachadh.

Bidh an neach-dreuchd soirbheachail fileanta sa Ghàidhlig le eòlas air poileasaidh agus rannsachadh an latha an-diugh a bhuineas ri foghlam meadhain-Ghàidhlig, le cleachdadh air obair ann an sgoiltean meadhain-Ghàidhlig (bun-sgoil no àrd-sgoil) no raointean poileasaidh agus proifeiseanta ionnan, agus bidh iad dealasach gus an ath ghinealach de luchd-teagaisg meadhain- Ghàidhlig a thoirt air adhart. Air sgàth gu bheil prìomh àite aig an Oilthigh ann an deisealachadh luchd-teagaisg a bhith ag obair ann am foghlam meadhain-Ghàidhlig, agus mar a tha an raon a' sìor fhàs, bidh buaidh shusbainteach aig an neach-dreuchd air obair san àm ri teachd, a' leasachadh an t-solarachaidh againn, a' cur taic ri poileasaidh nàiseanta a choileanadh, agus a' cur ri teagasg, ionnsachadh agus rannsachadh innleachdach.

Bidh PhD (no a leithid) aig na tagraichean agus eòlas acadaimigeach anns na raointean buntainneach. Bidh tagraichean cuideachd a' taisbeanadh eòlas teagaisg buntainneach agus comas cur ris an REF 2020.

Foirmeil agallamhan airson na dreuchd a 'gabhail àite anns an Ògmhios. Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur air Joanna McPake, Leughadair, Sgoil an Fhoghlaim: joanna.mcpake@strath.ac.uk

Dùin

Stiùireadh