Neach-teagaisg - Oilthigh Srath Chluaidh - GT169

Oilthigh Srath Chluaidh

Air fhoillseachadh: 16/05/2017
Ceann-là dùnaidh: 31/05/2017

Tha Oilthigh Srath Chluaidh a' sireadh Neach-teagaisg.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Tuarastal:£31076 - £38183
FTE: 1.0 (35 uairean a thìde san t-seachdain)
Seòrsa Cùmhnaint: Fosgailte
Ceann-latha Thagraidhean: Diciadain, 31 Cèitean 2017

Is i Sgoil an Fhoghlaim aig Oilthigh Shrath Chluaidh an solaraiche as motha ann an Alba de dh'Fhoghlam Luchd-teagaisg. Tha sinn airson Neach-teagaisg fhastadh ann am Foghlam Meadhain-Ghàidhlig air cùmhnant làn-ùine, fosgailte (maireannach) gus cur ri dealbhadh, leasachadh agus lìbhrigeadh sàr-sholarachadh innleachdach do oileanaich ag ionnsachadh a bhith nan luchd-teagaisg meadhain-Ghàidhlig air PGDE agus BA, agus ionnsachadh proifeiseanta fad-dreuchd luchd-teagasig meadhain-Ghàidhlig.

Bidh Gàidhlig aig an luchd-tagraidh agus bidh cleachdadh aca air obair ann an sgoiltean meadhain-Ghàidhlig (bun-sgoil no àrd-sgoil), agus bidh iad dealasach gus an ath ghinealach de luchd-teagaisg meadhain-Ghàidhlig a thoirt air adhart. Bidh an tagraiche soirbheachail ag obair gu gnìomhach a' cuideachadh agus a' cur air adhart foghlam luchd-teagaisg meadhain-Ghàidhlig, agus amasan foghlaim Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Is dòcha gun gabh an tagraiche soirbheachail pàirt cuideachd ann an rianachd na Sgoile, mar eisimpleir tro bhallrachd Chomataidhean Sgoile agus/no ag obair mar cho-òrdanaiche clas/moduil/bliadhna, agus ma dh'fhaodte cuideachd a' cur ri Comataidhean Mòr-roinne no Oilthigh.  

Foirmeil agallamhan airson na dreuchd a 'gabhail àite anns an Ògmhios 2017.

Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur air Joanna McPake, Leughadair, Sgoil an Fhoghlaim: joanna.mcpake@strath.ac.uk

Dùin

Stiùireadh