Sgeama-inntrigidh do Luchd-teagaisg

Tha an Sgeama-inntrigidh do Luchd-teagaisg a’ tabhann bliadhna de dh’obair le cinnt do gach neach a nì cùrsa teagaisg ann an Alba fhad ’s a tha iad fo dhearbhadh.

’S iad Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba (GTCS) ann an co-bhann le Riaghaltas na h-Alba a tha ruith an sgeama. Tha an sgeama a’ gealltainn:

  • Cothrom air làn-chlàradh fhaighinn às dèidh 190 latha de theagasg (bliadhna-sgoile)
  • Ùine fa leth airson a dhol an sàs ann an Ionnsachadh Proifeiseanta (PL)
  • Taic bho thidsear a tha eòlach air an dreuchd

Tha cothrom aig gach neach a tha a’ dol an sàs san sgeama còig ùghdarrasan ionadail a roghnachadh far am biodh iad toilichte an ùine-dhearbhaidh aca a dhèanamh. Mas e ’s gu bheil iad toilichte a dhol a dh’àite sam bith ann an Alba airson na h-ùine-dearbhaidh aca, gheibh iad airgead a bharrachd mar dhuais airson sin.

Tha cothrom aig tidsearan a nì cùrsaichean Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg Gàidhlig, no a tha fileanta sa chànan an ùine-dhearbhaidh aca a dhèanamh ann an aon de na 14 ùghdarrasan ionadail aig a bheil sgoiltean le foghlam tron Ghàidhlig.

Tadhail air airson tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama-inntrigidh.

Leis mar a tha foghlam Gàidhlig air a dhol am meud, tha fèill mhòr air luchd-teagaisg Gàidhlig aig a h-uile ìre an-dràsta agus a h-uile dùil gum bi fhathast anns na bliadhnaichean a tha ri teachd. Gheibhear fios mu na cothroman-obrach as ùire ann am foghlam Gàidhlig an seo.

Dùin

Stiùireadh