Càite am faigh Tidsearan Gàidhlig Ùra taic

Càite am faigh Tidsearan Gàidhlig Ùra taic

Gheibh tidsearan ùra taic shònraichte on ùghdarras ionadail aca rè na h-ùine-dearbhaidh aca. A bharrachd air sin, tha taghadh de bhuidhnean ann a bhios a’ cumail taic ri luchd-teagaisg ùra – an GTCS nam measg.

The taic cuideachd ann a chaidh a dhealbh a dh’aona-ghnothach do luchd-teagaisg Gàidhlig ùra.

Thèid Co-labhairt Luchd-teagaisg Ùra a chumail air Dimàirt 17 An t-Samhain 2015 aig The Albany Centre. 44 Ashley Street, Glaschu, G3 6DS.

Bidh measgachadh ann de dh’ òraidean agus bùithtean-obrach a’ coimhead air cuspairean leithid: a’ leasachadh sgilean cànain nan sgoilear, taic bhon choimhearsnachd Gàidhlig, dà chànanas agus feumalachdan taic a bharrachd. Thèid cuireadh a thoirt do bhuidhnean leithid: Foghlam Alba, An SQA & Bilingualism Matters tighinn a bhruidhinn.

Gabhaidh Bòrd na Gàidhlig uallach airson cosgaisean na co-labhairt, cosgaisean siubhail agus àite-fuirich ma tha sin a dhìth.

Cuir fios gu teagasg@gaidhlig.org.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.

Luchdaich a-nuas foirm-clàraidh an seo.

Tha Comann Luchd-teagaisg Àrd-sgoile (CLAS) a’ ruith sgeama comhairleachaidh do luchd-teagaisg Gàidhlig ùra aig ìre na h-àrd-sgoile. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn le bhith a’ cur fios gu CLAS.

Dùin

Stiùireadh