An t-Slighe Shùbailte

Teacher smiling in classroom

’S e dòigh eile a th’ anns an t-Slighe Shùbailte ùine-dhearbhaidh a choileanadh.

Tha an t-slighe seo a’ freagairt orrasan nach fhaod a dhol an sàs san sgeama-inntrigidh (me, daoine às na Stàitean Aonaichte), agus orrasan dha nach eil an sgeama inntrigidh freagarrach.

Feumaidh daoine a ghabhas an t-slighe shùbailte na h-obraichean aca fhèin a lorg fhad ’s a tha iad a’ dèanamh ùine-dhearbhaidh, agus bheir e 270 là làn-chlàradh a dhèanamh le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba (GTCS), ach aig a’ cheann thall ’s e aon bhuil a bhios ann - tidsear air an clàradh airson teagasg ann an Alba.

Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn air làrach-lìn an GTCS.

Gheibhear fios mu na cothroman-obrach as ùire ann am foghlam Gàidhlig an seo.

Dùin

Stiùireadh