Luchd-teagaisg Ùra

Kids throwing rockets

Ann an Alba, feumaidh gach neach-teagaisg ùr ùine a chur seachad fo dhearbhadh mus tèid aca air làn-chlàradh fhaighinn le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba (GTCS).

Tha dà dhòigh ann sin a dhèanamh:

  1. Pàirt a ghabhail san Sgeama-inntrigidh do Luchd-teagaisg
  2. An t-Slighe Shùbailte a leantainn

Bu chòir do gach neach-teagaisg Bun-sgoile Gàidhlig an ùine-dhearbhaidh aca a dhèanamh ann an aon de na 60 Bun-sgoiltean a tha a’ tabhann foghlam tron Ghàidhlig ann an Alba.

Feumaidh luchd-teagaisg Gàidhlig san Àrd-sgoil an ùine-dhearbhaidh aca a dhèanamh a’ teagasg Gàidhlig.

Bu chòir do luchd-teagaisg a tha airson cuspair eile a theagasg tron Ghàidhlig an ùine-dhearbhaidh aca a dhèanamh a’ teagasg a’ chuspair aca, ach bidh cothrom aca an ùine a tha sin a chur seachad ann an sgoil a tha a’ lìbhrigeadh chuspairean eile tron Ghàidhlig.

Dh’fhaodadh gum bi aig luchd-teagaisg a rinn an trèanadh aca taobh a-muigh na h-Alba ùine-dhearbhaidh a dhèanamh mus tèid aca air clàradh leis an GTCS.

Gheibhear fiosrachadh mionaideach air làrach-lìn an GTCS.

Dùin

Stiùireadh