Thig Gam Theagasg!
Tha ar iomairt sanasachd airson tidsearan a thruasadh a-nise BEÒ! Bheiribh sùil orra an seo.

Siuthad Gabh an Cothrom agus Thig a Theagasg!

’S e sgeulachd shònraichte agus soirbheachail a th’ann am foghlam Gàidhlig agus tha cothrom agadsa a bhith aig cridhe an ath earrann den sgeul.

Air an làrach seo gheibh thu fiosrachadh sònraichte agus mionaideach mu na cùrsaichean agus taic-airgid a tha ri fhaighinn, agus cothroman obrach a tha rin lìonadh.

Ma tha thu an sàs ann am foghlam an-dràsta, a’ beachdachadh a bhith nad thidsear no a’ teagasg mar-thà, tha pailteas chothroman ann am foghlam Gàidhlig. 

Siuthad Gabh an Cothrom agus Thig a Theagasg!

Cothroman Obrach

Dreuchdan-taic

Iar-cheannard (pàirt-ùine) – Bun-Sgoil Chondobharait (Comar nan Allt)

Tha Comhairle Lannraig a Tuath a’ sireadh Iar-cheannard airson Bun-Sgoil Chondobharait ann an Comar nan Allt.  ’S e dreuchd pàirt-ùine a tha seo.  Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là:  3 An t-Ògmhios 2013


Manaidsear Solar Co-thaiceil agus Luchd-cuideachaidh – Òganan Dhùn Èideann

Tha solar cùram-cloinne co-thaiceil gu sònraichte do chloinn na bun-sgoile agus ro-sgoile an impis ri a chur air bhonn ann an Dùn Èideann agus Lodainn aig Òganan Dhùn Èideann Ltd.

Bhon Lùnastal 2013, thèid cùram-cloinne àrd-chàileachd a thabhann taobh a-staigh na Sgoile Gàidhlig ùire, Bun-sgoil Taobh na Pàirce.  Tha àiteachan-obrach ann an-dràsta son Manaidsear Solar Co-thaiceil agus Luchd-cuideachaidh.  Tha àiteachan-obrach làn- is pàirt-ùine rim faighinn.

Tha fileantas ann an Gàidhlig deatamach.

Feumaidh luchd-iarrtais shoirbheachail ballrachd den Sgèama PVG son Obair Riaghailte le Cloinn.  Bidh agaibh ri bhith nur ball, no Deuchainn Ùrachadh fon Sgèama PVG a ghabhail os làimh, mus tèid ur n-àite-obrach a dhearbhadh.

Son tuilleadh fiosrachaidh no pasgan-iarrtais iarraidh, leig fios gu .(JavaScript must be enabled to view this email address) no cuir fòn gu 07939 160 067

Latha mu dheireadh son iarrtasan: 17mh den Chèitean 2013.


Neach-cluiche le Gàidhlig – The Toy Cupboard

Tha The Toy Cupboard san Òban a’ sireadh neach-cluiche le Gàidhlig airson seiseanan cluiche Gàidhlig eagrachadh agus a libhrigeadh .  ‘S e dreuchd 4 uairean san t-seachdain a tha seo – uairean àbhaisteach 9.30 - 12.15.  Airson tuilleadh fiosrachaidh cuirear fios gu Sally Weaser air 07500969595 no .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Sgoil-àraich

Neach-cluiche - Sgoil-Àraich Bhreascleit (Eilean Leòdhais)

Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ sireadh Neach-cluiche airson Sgoil-àraich Bhreascleit ann an Leòdhas.  ’S e dreuchd pàirt-ùine a tha seo.  Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là:  3 An t-Ògmhios 2013.


Neach-teagaisg Sgoil-àraich - Bun-Sgoil Chondobharait (Comar nan Allt)

Tha Comhairle Lannraig a Tuath a’ sireadh Neach-teagaisg Sgoil-àraich airson Bun-Sgoil Chondobharait ann an Comar nan Allt.  Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là: 3 An t-Ògmhios 2013


Bun-Sgoil

Luchd-teagaisg – Bun-sgoiltean An t-Sailein (Muile) agus Bun-Sgoil Thiriodh

Bidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ lorg luchd-teagaisg Bun-sgoile anns an t-Sàilean (Muile) agus ann an Tiriodh anns na seachdainean a tha romhainn. Ma tha ùidh agaibh sna cothroman seo cuiridh fios gu Dòmhnall MacLeòid, Oifigear Foghlaim - Gàidhlig air 01631569192 air no cuiribh brath gu .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Neach-teagaisg bun-sgoile – Bun-Sgoil Achadh na Creige (An t-Òban)

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh neach-teagaisg airson Bun-Sgoil Achadh na Creige anns An Òban.  Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là:  7 An t-Ògmhios 2013.


Iar-cheannard (pàirt-ùine) – Bun-Sgoil Chondobharait (Comar nan Allt)

Tha Comhairle Lannraig a Tuath a’ sireadh Iar-cheannard airson Bun-Sgoil Chondobharait ann an Comar nan Allt.  ’S e dreuchd pàirt-ùine a tha seo.  Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là:  3 An t-Ògmhios 2013


Neach-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig – Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne (Sruighlea)

Tha Comhairle Shruighlea a’ sireadh neach-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig airson Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne. Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là: 24 An Cèitean 2013


Neach-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig – Bun-sgoil Whitehills (Farfair)

Tha Comhairle Aonghais a’ sireadh neach-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig airson Bun-Sgoil Whitehills ann am Farfair. Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là: 31 An Cèitean 2013


2 Luchd-teagaisg Bun-sgoile – Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu a’ sireadh dithis luchd-teagaisg bun-sgoile airson Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.  Cliog an-seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là: 26 An Cèitean 2013


Neach-teagaisg Bun-sgoil – Bun-sgoil Goodlyburn (Peairt)

Tha Comhairle Pheairt is Cheann Rois a’ sireadh neach-teagaisg bun-sgoile a airson Bun-sgoil Goodlyburn ann am Peairt.  ’S e dreuchd pàirt-ùine a tha seo.  Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.


Luchd-teagaisg Eadar-amail Comhairle Pheairt is Cheann Rois

Tha Comhairle Pheairt is Cheann Rois a’ lorg luchd-teagaisg bun-sgoile a tha fileanta ann an Gàidhlig agus aig a bhiodh ùidh ann a bhith ag obair gu h-eadar-amail ann am bun-sgoiltean na sgìre.  Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Chris Deplano, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig air F: 01738 477869 no p-d: .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Tidsear Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig (eadar-amail) - Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu a’ sireadh luchd-teagaisg a bhiodh ri fhaotainn airson obair eadar-amail aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Feumar a bhith fileanta agus litearra sa Ghàidhlig airson nan dreuchdan seo. Airson tuilleadh fiosrachaidh cur fios gu ceannard na sgoile an Dr Donalda NicComb air 0141 276 8500. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh nithear làn-sgrùdaidh a-thaobh clàran-eu-coireach tro Disclosure Scotland.


Àrd-Sgoil

Neach-teagaisg Gàidhlig – Àrd-Sgoil Loch Abar (An Gearasdan)

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ sireadh neach-teagaisg Gàidhlig airson Àrd-Sgoil Loch Abar anns a’ Ghearasdan.  Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  Ceann-là: 31 An Cèitean 2013.


Neach-teagaisg Gàidhlig – Acadamaidh Drochaid an Easbaig (Fòrladh Màthaireil)

Tha Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear a’ sireadh neach-teagaisg Gàidhlig bhon Lùnastal 2013 fhad ‘s a tha an neach-teagaisg Gàidhlig aca air fòrladh màthaireil.  Ma tha ùidh agaibh san dreuchd cuiribh fios gu Mary Larkin: .(JavaScript must be enabled to view this email address)