Naidheachdan

Seachdain Dhùn Èideann 2017

Air fhoillseachadh: 14/12/2016

Tha na làithean seo airson clann nam Bun-sgoiltean ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig – Bun ìre 4 – 7 agus bidh prògram dà latha ann, seachdain a’ tòiseachadh 24 Giblean 2017. Tha gach sgoil a’ faighinn cothrom a bhith ann airson da latha tron t-seachdain ach faodaidh sibh tadhal airson aon latha ma tha sibh airson sin a dhèanamh.   Tha mi an dùil gum bi na sgoiltean a dh’ fheumas  fuireach oidhche ann a’ Dhùn Èideann a’ gabhail pàirt air an Diciadain is Diardaoin gus gum bi cothrom agaibh siubhal air Dimàirt 25 Giblean. Bi ceilidh ann oidhche Diciadain.

Pàighidh sinn cosgaisean a tha an lùib nan diofar àiteachean far am bith a’ chlann a’ tadhal agus gheibh na sgoilearan a bhios a’ fuireach oidhche ‘packed lunch’ an asgaidh. Bheir sin taic le cosgaisean siubhal, àite-fuirich agus biadh. Bidh an taic againn a rèir nan cosgaisean gu h-iomlan ach anns a’ chumantas bidh sinn a’ pàigheadh 30% de na cosgaisean agaibh suas gu £600. 

Anns gach àite far a bheil sinn tadhal tha sinn ag obair le luchd-obrach roinn foghlaim an àite agus bi na clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig.

Am bliadhna tha sinn an dùil tadhal air Our Dynamic Earth, Caisteil Dhùn Èideann neo Taigh Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Lios Luibheach Rìoghail agus The Scottish Portrait Gallery.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Magaidh@cnag.org

Dùin

Stiùireadh