Oilthigh Shrath Chluaidh

©University of Strathclyde

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh a’ tabhann cùrsa PGDE airson foghlam tron Ghàidhlig aig ìre na Bun-sgoile. Tha an cùrsa air a libhrigeadh aghaidh-ri-aghaidh agus mar phàirt dheth bidh oileanaich a’ dol air greisean gnìomhachais ann am foghlam Gàidhlig. Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Bu chòir dhut  iarrtas a chur a-steach tron làrach-lìn, Trèanadh Thidsearan aig UCAS. Mar as trice bithear a’ tòiseachadh a’ gabhail iarrtasan o mheadhan na Samhaine agus leis nach eile ach uiread sin de dh’àiteachan ann, mar as luaithe a chuireas tu a-steach airson a’ chùrsa ’s ann as coltaiche a bhios e gum faigh thu àite.

Tha cùrsa pàirt-ùine cuideachd aig an Oilthigh a dh’fhaodadh a bhith fosgailte do dh’oileanaich teagaisg Gàidhlig. Cuir fios chun an oilthigh airson tuilleadh fiosrachaidh, hass-courses-edu@strath.ac.uk.

Dùin

Stiùireadh