Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (UHI)

UHI

Ann an 2013, chuir Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (UHI) cùrsa PGDE air bhonn, a tha a’ tabhann cothrom do dh’oileanaich cùrsa Bun-sgoile a dhèanamh ann an diofar cholaistean ann an lìonra UHI.

Tha an PGDE airson teagasg bun-sgoile Gàidhlig an-dràsta ri fhaotainn aig:

  • Colaiste a’ Chaisteil, Leòdhas
  • Colaiste Inbhir Nis

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Bu chòir dhut  iarrtas a chur a-steach tron làrach-lìn, Trèanadh Thidsearan aig UCAS. Mar as trice bithear a’ tòiseachadh a’ gabhail iarrtasan o mheadhan na Samhaine agus leis nach eile ach uiread sin de dh’àiteachan ann, mar as luaithe a chuireas tu a-steach airson a’ chùrsa ’s ann as coltaiche a bhios e gum faigh thu àite.

Tha UHI an dòchas am prògram PGDE aca a leudachadh gu bhith ri fhaotainn ann an Colaiste Earra-Ghàidheal san Òban agus Ionad Chaluim Chille Ìle bhon Lùnastal 2015.

Dùin

Stiùireadh