Oilthigh Shrath Chluaidh

Gàidhlig mar chuspair

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh a’ tabhann cothrom cùrsa PGDE a dhèanamh ann an Gàidhlig.  ’S e cùrsa aghaidh-ri-aghaidh a tha seo a tha a’ gabhail a-steach greisean gnìomhachais ann an sgoiltean a tha a’ tabhann Gàidhlig is Gaelic.  Thèid aig daoine a nì an cùrsa seo Gàidhlig agus Gaelic a theagasg ann an àrd-sgoiltean ann an Alba.

Cuspairean tron Ghàidhlig

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh cuideachd a’ tabhann cothrom do dh’oileanaich cùrsa PGDE airson cuid a chuspairean a theagasg tron Ghàidhlig.  Bidh oileanaich a tha a’ dèanamh nan cùrsaichean seo a’ leantainn an aon chùrsa ’s a tha na h-oileanaich a tha a’ dèanamh a’ chùrsa tron Bheurla, le cothrom greisean gnìomhachais a dhèanamh ann an sgoiltean le foghlam Gàidhlig.  Feumaidh oileanaich a tha airson an t-slighe seo a leantainn dèanamh cinnteach gu bheil na teisteanasan ceart aca airson cur a-steach airson a’ chùrsa agus dearbhadh gu bheil iad fileanta ann an Gàidhlig ann an agallamh.

Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Bu chòir dhut  iarrtas a chur a-steach tron làrach-lìn, Trèanadh Thidsearan aig UCAS. Mar as trice bithear a’ tòiseachadh a’ gabhail iarrtasan o mheadhan na Samhaine agus leis nach eile ach uiread sin de dh’àiteachan ann, mar as luaithe a chuireas tu a-steach airson a’ chùrsa ’s ann as coltaiche a bhios e gum faigh thu àite.

Dùin

Stiùireadh