Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

University of Aberdeen

Gàidhlig mar chuspair

Tha UHI a’ tabhann cothrom cùrsa PGDE a dhèanamh ann an Gàidhlig.  ’S e cùrsa aghaidh-ri-aghaidh a tha seo a tha a’ gabhail a-steach greisean gnìomhachais ann an sgoiltean a tha a’ tabhann Gàidhlig is Gaelic.  Thèid aig daoine a nì an cùrsa seo Gàidhlig agus Gaelic a theagasg ann an àrd-sgoiltean ann an Alba.

Cuspairean tron Ghàidhlig

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean cuideachd a’ tabhann cothrom do dh’oileanaich cùrsa PGDE airson cuid a chuspairean a theagasg tron Ghàidhlig. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Bu chòir dhut  iarrtas a chur a-steach tron làrach-lìn, Trèanadh Thidsearan aig UCAS. Mar as trice bithear a’ tòiseachadh a’ gabhail iarrtasan o mheadhan na Samhaine agus leis nach eile ach uiread sin de dh’àiteachan ann, mar as luaithe a chuireas tu a-steach airson a’ chùrsa ’s ann as coltaiche a bhios e gum faigh thu àite.

Dùin

Stiùireadh