Oilthigh Shrath Chluaidh

© University of Strathclyde

BA Foghlam Bun-sgoile

’S e ceum 4-bliadhna a tha seo a bheir cothrom do dh’oileanaich diofar a dhèanamh anns na sgoiltean agus coimhearsnachdan anns am bi iad ag obair, an dèidh dhaibh ceumnachadh.  Tha gach oileanach a tha an sàs sa phrògram mar phàirt de Sgoil nan Daonnachdan agus nan Saidheansan Sòisealta agus nì iad prògram coitcheann sa chiad bhliadhna far am bi iad a’ dèanamh trì cuspairean. Bidh oileanaich Teagaisg Bun-sgoile a’ dèanamh Foghlam agus dà chuspair eile.  Aig deireadh a’ chiad bhliadhna feumaidh na h-oileanaich tha airson leantainn air adhart le BA Foghlam Bun-sgoile a dhol an sàs ann am pròiseas taghaidh.

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh air a bhith an sàs ann an ciad fhoghlam luchd-teagaisg Ghàidhlig fad bhliadhnaichean agus tha am prògram seo a’ toirt cothrom do dh’oileanaich a dhol an sàs ann an ionnsachadh proifeasanta agus greisean gnìomhachais ann am foghlam tron Ghàidhlig fhad ’s a tha iad a’ dèanamh BA ann am Foghlam Bun-sgoile.

Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa agus mu na teisteanasan a tha dhìth ort airson àite fhaighinn air a’ chùrsa.

Dùin

Stiùireadh