Oilthigh Dhùn Èideann

MA FOGHLAM BUN-SGOILE LE GÀIDHLIG

Airson inntrigeadh 2016, tha Oilthigh Dhùn Èideann a' tabhann dà cheum ann an Gàidhlig Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig, aon dhiubh airson Luchd-Ionnsachaidh agus aon airson Fileantaich. Gheibh oileanaich barantas a bheir dhaibh cothrom teagasg ann am foghlam tron Ghàidhlig air neo tron Bheurla agus tha e air a theagasg eadar na roinnean Foghlaim, Ceiltis agus Cànanachais:

MA Urram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Luchd-Ionnsachaidh)

MA Urram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich)Tha dà fheart shònraichte aig na ceumannan seo nach fhaighear ann am prògraman eile:

Greis gnìomhachais fad bliadhna a ghabhas a-steach suidheachaidhean meadhain-Ghàidhlig agus meadhain-Bheurla

Cùrsaichean mionaideach air dà-chànanas agus foghlam dà-chànanach, leis a' chuideam air Gàidhlig agus Alba.

Chan fheum oileanaich a tha a sireadh àite air a' cheum MA Urram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Luchd-Ionnsachaidh) eòlas air Gàidhlig nuair a thòisicheas iad oir ionnsaichidh iad Gàidhlig thar bliadhnaichean a' cheuma. Mairidh an cùrsa seo còig bliadhna.

Airson àite fhaighinn air a' cheum MA Urram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich), a mhaireas ceithir bliadhna, feumaidh oileanaich teisteanas Àrd-ìre ann an Gàidhlig air neo ann an Gaelic.

Ma tha tuilleadh cheistean agaibh mu na ceumannan, cliog an seo, neo cuiribh fios gu Mairi Anndra mary.andrew@ed.ac.uk neo Fiona O'Hanlon fiona.o’hanlon@ed.ac.uk

Dùin

Stiùireadh