A’ cur a-steach airson Cùrsaichean Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg Gàidhlig

Airson a bhith nad thidsear ann an Alba feumaidh tu Cùrsa Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg a dhèanamh. Tha grunn chùrsaichean ann airson tidsearan Gàidhlig – cùrsaichean fo-cheuma agus for-cheuma, ionnsachadh aghaidh-ri-aghaidh agus air astar.

Ann a bhith a’ dèanamh cùrsa teagaisg, bidh oileanaich gan ullachadh fhèin airson a bhith ag obair ann an clas. Mar phàirt den chùrsa bithear an sàs ann a bhith ag ionnsachadh mu theagasg agus mu bhith a’ lìbhrigeadh a’ chuspair agad / a’ churraicealaim agus bidh oileanaich a’ dol air greisean gnìomhachais ann an sgoiltean. Bidh cothrom ann na greisean gnìomhachais a dhèanamh ann am foghlam tron Ghàidhlig mas e ’s gu bheil thu a’ dèanamh cùrsa teagaisg Gàidhlig.

Airson teagasg tron Ghàidhlig, feumaidh tu a bhith fileanta anns a’ chànan agus feumaidh na sgilean litearrachd agad a bhith aig ìre àrd.

Ma tha thu am beachd cur a-steach airson cùrsa teagaisg, tha e riatanach gum bi na teisteanasan is comasan iomchaidh agad agus bu chòir dhut faighinn a-mach mu dè dìreach a tha gach oilthigh is cùrsa ag iarraidh mus cuir thu a-steach airson cùrsa. Cuideachd bhiodh e na chuideachadh nam biodh beagan eòlais agad air a bhith ag obair le cloinn agus, nam b’ urrainn dhut, nam biodh tu air dòighean teagaisg fhaicinn. Gheibhear an t-eòlas seo le bhith ag obair gu saor-thoileach ann an sgoiltean ionadail no le buidhnean eile tha ag obair le cloinn. Bu chòir do gach neach a tha ag obair le cloinn ballrachd a ghabhail san Sgeama airson Daoine a tha fo Dhìon. Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Mar as trice ’s ann tro làrach-lìn UCAS a bhios daoine a’ cur a-steach airson cùrsa teagaisg fo-cheuma. ’S ann san Fhaoilleach a tha an ceann-latha.

Bu chòir dhut iarrtas a chur a-steach airson cùrsaichean for-cheuma tron làrach, Trèanadh Thidsearan aig UCAS. Mar as trice bithear a’ tòiseachadh a’ gabhail iarrtasan o mheadhan na Samhaine.

Nuair a tha thu a’ cur a-steach airson cùrsa teagaisg, san iarrtas agad bu chòir dhut iomradh a thoirt air an eòlas a th’ agad air Siostam Foghlam na h-Alba agus air a’ churraicealam. Cuideachd nuair a tha thu a’ cur iarrtas a-steach, dh’fhaodadh gun tèid iarraidh ort tighinn gu agallamh. Thèid sin a chumail ann an Gàidhlig agus ’s e cothrom a th’ ann sealltainn gum biodh tu nad dheagh thidsear. Tha an t-uabhas fiosrachaidh mu fhoghlam ann an Alba air làrach-lìn Foghlam Alba agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig.

Fon lagh, feumaidh gach neach-teagaisg ann an Alba clàradh le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba (GTCS). An dèidh dhut cùrsa teagaisg a dhèanamh, bidh thu air do chlàradh gu sealach leis an GTCS agus an dèidh dhut ùine-dhearbhaidh a dhèanamh ann an sgoil, thèid agad air làn-chlàradh a dhèanamh leis an GTCS. Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu na Slatan-tomhais airson làn-chlàradh.

Dùin

Stiùireadh