Trèanadh

Teacher in classroom

A’ Trèanadh gu bhith nad Thidsear

Meal do naidheachd! Tha thu air a’ chiad cheum a ghabhail gu ruige dreuchd a bheir toileachas, tlachd agus pailteas chothroman ionnsachaidh dhut.

Gheibh thu an t-uabhas bhuannachdan bho bhith toirt a-mach dreuchd nad thidsear: dreuchd a chòrdas riut, cinnt gum faigh thu obair airson co-dhiù bliadhna leis an ùine-dhearbhaidh agad nuair a chuireas tu crìoch air a’ chùrsa agad, tuarastal math, deagh làithean-saora agus pailteas chothroman adhartas a dhèanamh san dreuchd.  Agus ma tha thu a’ teagasg ann am Foghlam Gàidhlig tha cothrom agad a bhith aig teis-meadhan na h-obrach gus suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh agus a bhith an lùib dreuchd far am bi thu a’ misneachadh agus ag oideachadh an ath ghinealaich de Ghàidheil òga.

Co-dhiù a tha thu airson a bhith a’ teagasg aig Ìre Bun-sgoile no Àrd-sgoile, the grunn dhòighean agus chùrsaichean ann a bheir cothrom dhut trèanadh a dhèanamh mar thidsear Gàidhlig.

Cliog an seo gus a’ bhileag, Slighean gu Dreuchd ann an Teagasg tron Ghàidhlig, a luchdachadh a-nuas.

Cliog an seo airson tadhal air an làrach-lìn Teagasg ann an Alba airson fiosrachadh coitcheann fhaighinn mu theagasg agus cliog an seo gus a’ bhileag, Teagasg ann an Alba, a luchdachadh a-nuas.

Dùin

Stiùireadh