Airson luchd-teagaisg a tha mar-thà fileanta ann an Gàidhlig, tha Oilthigh Obar Dheathain is Sabhal Mòr Ostaig air cùrsa air-loidhne air a bheil Streap a chur air dòigh.

’S e cùrsa CLPL 12-mìos a th’ ann an Streap a tha a’ tabhann cothrom do luchd-teagaisg leasachadh a dhèanamh air na sgilean aca airson a bhith a’ lìbhrigeadh cuspair no ìre tron Ghàidhlig. Tha cothrom aig na thig air a’ chùrsa na sgilean, comasan agus a’ mhisneachd aca a thaobh teagasg a leasachadh agus a thaobh mar a nithear meòrachadh breithneachail an lùib foghlaim tron Ghàidhlig.

An dèidh dhut crìoch a chur air ‘Streap’, gheibh thu Teisteanas PGT bhon Phrògram Adhartach son Leasachadh Proifeiseanta ann an Oilthigh Obar Dheathain. Tha àiteachan air a’ chùrsa seo air an làn-mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Bidh Streap a’ tòiseachadh aig toiseach na bliadhna sgoile, tha trusadh ga dhèanamh san teirm mu dheireadh den bhliadhna ron sin.

Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Dùin

Stiùireadh