Seachdainean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-teagaisg

Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair le cuid a cholaistean agus oilthighean gus seachdainean bogaidh Gàidhlig a dhealbh agus a lìbhrigeadh a tha a dh’aona-ghnothach airson luchd-teagaisg.

Tha gach seachdain air a dhealbh airson cothrom a thoirt do luchd-teagaisg le ùidh ann a bhith gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig:

  • Leasachadh a thoirt air na sgilean labhairt aca le fòcas air cànan a tha freagarrach airson teagasg ann an clas
  • Leasachadh a thoirt air na sgilean leughaidh, sgrìobhaidh agus gràmair aca
  • Fios fhaighinn mu chùrsaichean agus an taic a th’ ann dhaibh gus gluasad gu foghlam Gàidhlig

Tha na seachdainean gan ruith aig dà ìre:

  • Luchd-tòiseachaidh / Eadar-mheadhanach
  • Eadar-mheadhanach / Adhartach

Bidh gach neach a thig ann air a bhith an sàs ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig roimhe.

Ann an 2014/2015 bidh na cùrsaichean Luchd-tòiseachaidh / Eadar-mheadhanach air an lìbhrigeadh le Oilthigh Ghlaschu agus na cùrsaichean Eadar-mheadhanach / Adhartach air an lìbhrigeadh le Sabhal Mòr Ostaig.

Nochdaidh tuilleadh fiosrachaidh ann a’ seo rè ùine.

Feumaidh tu cead fhaighinn bhon sgoil agad agus bhon ùghdarras ionadail agad mus tig thu air a’ chùrsa.

Airson barrachd fiosrachaidh mu na cùrsaichean cuir fios don Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg.

Dùin

Stiùireadh