Gàidhlig do Luchd-Ionnsachaidh sa Bhun-Sgoil (GLPS)

Tha Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil (GLPS) glè choltach ris a’ phrògram fharsaing Nuadh-chànanan sa Bhun-sgoil (MLPS). Tha cothrom aig luchd-teagaisg a tha a’ teagasg tro mheadhan na Beurla trèanadh a dhèanamh gus an tèid aca air Gàidhlig shìmplidh a theagasg agus blasad mu chultar na Gàidhlig a thoirt do sgoilearan. Mar as trice bithear a’ teagasg GLPS do sgoilearan P5, ach tha cuid a dh’àiteachan ga thabhann aig gach ìre sa bhun-sgoil.

Bidh barrachd chothroman ann a bhith an sàs ann a bhith a' teagasg Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh fon phoileasaidh 1+2 Chànan. Cliog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Tha deagh chuid de dh’Ùghdarrasan Ionadail ann an Alba a’ tabhann GLPS. Tha sgeamaichean trèanaidh aig cuid a dh’ùghdarrasan ionadail agus tha co-bhanntachd ann a tha a’ cur prògram trèanaidh air dòigh gach bliadhna.

Ma tha ùidh agad sa chothrom seo, bu chòir dhut fios a chur chun an ùghdarrais agad fhèin sa chiad dol-a-mach.

Bidh cuid a thidsearan a nì trèanadh GLPS ag iarraidh barrachd Gàidhlig ionnsachadh. Tha cothroman agus cùrsaichean eile ann a thogas air an trèanadh a tha sin.

Dùin

Stiùireadh