Cùrsa Bogaidh Gàidhlig do Luchd-teagaisg (GIfT)

Cùrsa Bogaidh Gàidhlig do Luchd-teagaisg (GIfT)

Chaidh cùrsa Bogaidh do Luchd-teagaisg a’ chruthachadh eadar oilthighean Shrath Chluaidh is Dhùn Èideann. Le taic bho Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba agus Ùghdarrasan Ionadail tha a’ chùrsa an dràsta anns an dàrna bhliadhna, le 8 luchd-teagaisg air. Am bliadhna tha luchd-teagaisg stèidhichte ann an Glaschu agus ann an Inbhir Nis.  

’S e cùrsa fad-bliadhna a th’ anns a’ Chùrsa Bhogaidh Ghàidhlig do Luchd-teagaisg (GIfT) a thèid a lìbhrigeadh le Oilthigh Shrath Chluaidh. Gheibh na chuireas crìoch air teisteanas Dioplòma For-cheuma le 120 creideas aig ìre Mhaighistireil na chois.  

Tha an cùrsa a tha seo fosgailte do dhaoine aig a bheil teisteanas teagaisg, comasan Gàidhlig aig meadhan-ìre (teisteanas Àrd-ìre sa Ghàidhlig no co-ionann ri sin) agus aig bheil ùidh ann a bhith ag obair ann am foghlam tron Ghàidhlig aig ìre na bun-sgoile no a tha airson cuspairean a theagasg tro mheadhan na cànain. ’S e cùrsa làn-ùine a th’ ann a bheir taic do luchd-teagaisg gus na sgilean aca a leasachadh gu ìre fhreagarrach airson foghlam tron Ghàidhlig.

Bidh an cùrsa a’ leantainn bliadhna na sgoile agus tha a h-uile dùil ann gun till an luchd-teagaisg gu bhith teagasg tron Ghàidhlig an dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ chùrsa.

Ma tha ùidh agaibh anns a chùrsa seo, leig fhaicinn don Ùghdarras Ionadail agaibh.

Airson barrachd fios: teagasg@gaidhlig.org.uk

Dùin

Stiùireadh