Gluasad gu Foghlam Gàidhlig

Mas e ’s gu bheil teisteanas teagaisg agad mar-thà agus ùidh agad ann a bhith gluasad gu teagasg ann am foghlam Gàidhlig tha cothroman agus taic ann dhut gus an tèid agad air sin a dhèanamh.

Co-dhiù a tha thu: a’ teagasg sa bhun-sgoil no san àrd-sgoil; ag amas air foghlam luchd-ionnsachaidh no foghlam tron Ghàidhlig; mar-thà fileanta sa chànan no a’ coimhead ri leasachadh a dhèanamh air na sgilean cànain agad, the grunn chùrsaichean is dòighean ionnsachaidh ann dhut - cuid a chaidh a dhealbh gu sònraichte do luchd-teagaisg.

Ma tha thu airson gluasad gu Foghlam tron Ghàidhlig bhiodh e glic eòlas fhaighinn air foghlam tron chànan ro-làimh.  Air an t-seadh sin, dh’fhaodadh e bhith na fheum beagan uairean a thìde a chur seachad ann an clasaichean Gàidhlig mar phàirt den Ionnsachadh Phroifeiseanta Fad-beatha Dhreuchdail (CLPL) agad.

O àm gu àm bidh ùghdarrasan ionadail cuideachd a’ cur cùrsaichean Gàidhlig air dòigh dhan luchd-teagaisg aca fhèin. Ma tha thu an-dràsta ag obair aig ùghdarras a tha a’ tabhann Foghlam tron Ghàidhlig, GLPS no aig a bheil Plana Gàidhlig, b’ fhiach e còmhradh riutha mu na cothroman a th’ ann gus na sgilean no an dreuchd agad a leasachadh a thaobh na Gàidhlig.

Cliog an seo airson Na Slighean gus Gluasad gu Teagasg tron Ghàidhlig.

Dùin

Stiùireadh